Beachd na h-eileanan a bhith nan deuchainn son lagachadh riaghailtean

Published

Chuir Ball Pàrlamaid Westminster nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill, fàilte air beachd an Ollaimh Ùisdean Pennington na h-Eileananan Iar agus Arcaibh a bhith mar àite-deuchainn airson a bhith a' lagachadh bhacaidhean a' Choròna-bhìorais.

Airson sin a choileanadh tha an t-Ollamh Pennington ag ràdh gum feum barrachd dheuchainnean a bhith air a dhèanamh.

Tha e dhen bheachd gum biodh an dà àite iomchaidh leis gu bheil àireamh gu math iosal de chùisean air a bhith ann.

Thuige seo cha do bhàsaich duine san h-Eileanan an Iar leis a' bhìoras agus 's e aon neach a tha air bàsachadh ann an Arcaibh.

Cuideachd tha bacaidhean nas cinntiche air siubhail leis gur e eileanan a th' annta.

Tha an dà rud a' ciallachadh gum biodh e nas fhasa leithid bùithtean agus eaglaisean fhosgladh agus cùisean fhaighinn air ais chun àbhaist mean air mhean, a rèir an Ollaimh Pennington.

Deuchainnean

Tha Aonghas Brianan MacNèill a' cur fàilte air a' mholadh cho fad sa dheadh deuchainnean farsaing a dhèanamh.

"S aithne dhomh-sa daoine anns na h-Eileanan an Iar a tha air a dhol dhachaigh agus iad air deuchainn fhaighinn agus iad cinnteach le Covid-19 agus cha deach deuchainn a dhèanamh air duine eile san taigh.

"Sin cho deireannach sa tha sinn a thaobh deuchainnean a dhèanamh," thuirt e.

Thuirt Àrd-oifigear Comhairle nan Eilean Siar, Malcolm Burr, gu robh e ro thràth seasamh a ghabhail air a' chùis leis nach robh am fiosrachadh aca air fad.

"Tha na ceumanan a tha sinn a' gabhail a' leantainn stiùireadh bhon NHS agus Riaghaltas na h-Alba agus stèidhichte air sàbhailteachd coimhearsnachd agus a bhith a' dìon beatha dhaoine, ach bhiodh ùidh againn molaidhean a sgrùdadh nam biodh iad a' cumail ris a' chriteria sin.

"Bruidhinnidh sinn ri ar co-obraichean ann an slàinte agus aig Riaghaltas na h-Alba mun chùis," thuirt e.

Thuirt NHS nan Eilean Siar gu robh iadsan a' leantainn stiùireadh comhairlichean slàinte Riaghaltasan na h-Alba agus Westminster.

"Tha sinn fhathast aig ìre gu math tràth le Covid-19 agus cha bhiodh sinn airson càil a dhèanamh a bhiodh a' fàgail a' bhìoras a' sgapadh càil nas luaithe," thuirt iad.

Dhearbh Prìomh Mhinistear na Stàite, Dominic Raab, feasgar Diardaoin gum maireadh bacaichean a' Choròna-bhìorais trì seachdainnean eile.