Fear a bha na smàladair air bàsachadh leis a' Choròna-bhìoras
- Air fhoillseachadh

Tha luaidh ga dhèanamh air fear às a' Ghàidhealtachd a bha na smàladair agus a' bhàsaich ri linn a' Choròna-bhìorais.
Bha Derek Wilkie, aois 57 bliadhna, a' faighinn leigheis san ionad dhlùth-chùram ann an Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis fad dà sheachdain mus do chaochail e Latha na Sàbaid.
Bha Mgr Wilkie air a dhreuchd san t-seirbheis-smàlaidh a leigeil seachad bho chionn dà bhliadhna an dèidh 27 bliadhna san obair.
Mu dheireadh bha e na chomandair airson Inbhir Nis agus Inbhir Narann, ach chuir e ùine seachad cuideachd na chomandair ann an Sealtainn agus mar fhear-smàlaidh aig Port-adhair Inbhir Nis.
Fiamh-ghàire
Thuirt an Leas-iar-àrd-oifigear, Iain Dòmhnallach, gur e duine "blàth, togarrach, làn spionnaidh" a bh' ann agus gum biodh fiamh-ghàire air an còmhnaidh.
"Bidh a charaidean agus a cho-obraichean rè nam bliadhnaichean taobh a-staigh na seirbheis-smàlaidh ga ionndrainn gu mòr," thuirt e.
Ann am brath-naidheachd thuirt teaghlach Mhgr Wilkie gu robh iad airson taing a thoirt do luchd-obrach an NHS airson an "cùram eisimpleireach" a fhuair e, gu sònraichte bho sgioba dhlùth-chùraim Ospadal an Rathaig Mhòir.
Thuirt an teaghlach cuideachd gu robh iad airson aire a tharraing chun chunnart a th' ann bhon a' Choròna-bhìoras agus chuir iad ìmpidh air daoine "fuireach aig an taigh, an NHS a dhìon agus beatha dhaoine a shàbhaladh."