Dragh gun dùin Bethesda an Steòrnabhagh

Published

Tha dragh ann gun tig air Dachaigh-Cùraim agus Hospice Bhethesda ann an Steòrnabhagh dùnadh ri linn cion-airgid agus staing a' Choròna-Bhìorais a' toirt droch bhuaidh orra.

Tha a' mhòr-chuid den airgead a tha a' cumail nan goireasan a' dol a' tighinn bhon bhùth a tha aig a' charthannas ann an Steòrnabhagh ach a tha dùinte an-dràsta.

Tha ceithir leapannan aca do dhaoine a tha feumach air cùram sònraichte is iad a' tighinn gu deireadh am beatha, is 21 leabaidh dhan fheadhainn san dachaigh-cùraim.

Dh'innis Bethesda nach eil ach mu 25% den mhaoineachadh a th' aca a' tighinn bho NHS nan Eilean Siar, is an còrr a' tighinn tro airgead a tha iad a' togail iad fhèin.

Leis a' bhùth ann an Ceann a' Bhàigh dùinte ri linn riaghailtean Covid-19, tha Bethesda ann an staing.

"Dùbhlan"

"Chan eil sinn a' faighinn an-dràsta ach airgead bho na buidhnean stèidhichte," thuirt manaidsear Bhethesda, Carol Somerville.

"Tha tìodhlaicean airgid a' tighinn gu ìre - tha daoine a' cuimhneachadh oirnn - ach chan eil sin faisg air an ìre a tha a dhìth oirnn airson an hospice a chumail fosgailte.

"'S e dùbhlan a th' ann agus tha dragh mòr oirnn.

"Tha sinn air bruidhinn ris an NHS oir an ceann beagan mhìosan cha bhi airgead ann," thuirt i.

Dh'innis Carol gu bheil iad mothachail gu bheil airgead ri fhaighinn tro sgeamaichean riaghaltais.

Rabhadh

Dh'innis i gu bheil Bethesda air bruidhinn ris an Riaghaltas is air leigeil fhaicinn dè an t-suim a tha a dhìth orra.

"Tha sinn a' feitheamh fios air ais.

"Mura faigh sinn taic bhuapa, dùinidh an hospice," thuirt i.

Thuirt BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, gu bheil e a' cumail taic ri Bethesda is gu bheil e an dòchas gun tig fuasgladh.

Dh'iarr sinn beachd air an t-suidheachadh bho NHS nan Eilean Siar is tha sinn fhathast a' feitheamh freagairt.