Binn prìosain 'son ionnsaigh air gràisg mhotair-baidhseagail

Published
image copyrightScottish Courts and Tribunals

Thugar binn seachd bliadhna sa phrìosan do dh'fhireannach a bha an sàs ann an ionnsaigh air gràisg mhotair-baidhseagail ann am Moireibh.

Fhuair an Àrd Chùirt ann an Dùn Èideann Iain Ewing ciontach na bu thràithe air a' bhliadhna air casaidean de dh'oidhirp air murt agus a bhith a' toirt ionnsaigh air ceathrar fhireannach air an A98 faisg air Cuileann san t-Sultain 2018.

Sa chùis lagha chunnaic an diùraidh dealbhan bhideo a' sealltainn Ewing, agus feadhainn eile nach deach a thoirt gu lagh fhathast, a' toirt ionnsaigh air buill den bhuidhinn motair-baighseagail, Nomads, le ùird, pìosan iarainn agus maidean.

Leag e cuidechd Cailean Mac an t-Sutharlanaich far motar-baighseagail le càr.

Ionnsaigh bhrùideil

Bha an t-ainm "Blue Angels" sgrìobhte air aodach Ewing, aois 44 bliadhna, buidheann a tha ag ràdh gur iad a' ghràisg mhotair-baighseagail as sine ann an Alba.

Chunnaicear Ewing sa chùirt Diciadain tro cheangal bhideo bhon phrìosan.

Tha e fhathast a' dol às àicheadh nan casaidean.

Ach thuirt am britheamh a' Bhana-mhorair Scott gu robh e ciontach de dh'ionnsaigh bhrùideil.