Am Pàipear Beag a' sgur rè ùine ri linn a' Choròna-bhìorais

Am Pàipear Beag
Image caption Dh'innis am Pàipear Beag nach biodh an corr irisean ann dhen phàipear gu as dèidh staing a' Choròna-bhìorais.

Dh'innis Pàipear Beag an Eilein Sgitheanaich gu bheil iad a' dol a sgur a dh'fhoillseachadh a' phàipeir rè ùine ri linn staing a' Choròna-bhìorais.

Thuirt iad gu robh cùisean duilich dha pàipearan-naidheachd fiù 's mus do thòisich a' bhìoras a' sgaoileadh, ach gun robh an teachd a-steach cudromach bho shanasan air crìonadh agus gu robh an àireamh phàipearan a bha iad a' reic air a dhol sìos gu mòr sna seachdainean mu dheireadh.

Thuirt an luchd-deasachaidh gun robh iad an dòchas am pàipear foillseachadh a-rithist aig toiseach an Òg-mhios.

San eadar-ama bidh seirbheis nas lugha aca air-loidhne an asgaidh.

Thèid a' chuid as motha dhen luchd-obrach a chur air sgeama-fòrladh Riaghaltas Westminster.

Thuirt an luchd-deasachaidh: "Tha sinn gu math tùirseach a' dèanamh seo.

"Ach tha e g'ar fàgail nas cinntiche buileach gun till sinn le tuilleadh spionnaidh nuair as urrainn dhuinn."

Fios

Chan iad an aon phàipear a tha air an ceum seo a ghabhail.

An dèidh do Spòrsnis ann an Nis ann an Leòdhas dùnadh roghnaidh bòrd-stiùiridh a' phàipeir choimhearsnachd Fios an iris a sgur rè ùine cuideachd.

'S ann ann an togalach Spòrsnis a tha am pàipear air a dheasachadh, agus cho-dhùin am bòrd-stiùiridh an luchd-obrach a chur air sgeama fòrladh an riaghaltais cuideachd.

An àite Fios thèid Litir-naidheachd Coimhearsnachd Nis gu Barbhas fhoillseachadh a h-uile cola-deug.

Tha e air ullachadh leis an uachdaran choimhearsnachd, Urras Oighreachd Ghabhsainn, agus tha e an asgaidh.