29 duine le Coròna-bhìoras air bàsachadh air Ghàidhealtachd

Coròna-bhìoras

Tha 29 duine air an robh an Coròna-bhìoras air bàsachadh ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd, a rèir figearan a chaidh fhoillseachadh le Riaghaltas na h-Alba.

Sin àrdachadh de 13 bhon t-seachdain a chaidh.

Tha 61 duine sa sgìre an-dràsta san ospadal a' faighinn leigheis son Covid-19.

Tha còig dhiubh a sin fo dhlùth chùram.

Ann an sgìre a' Mhonaidh Ruaidh bha àrdachadh nas motha ann.

Dh'èirich an àireamh a bhàsaich an sin bho 12 gu 47 thar na seachdain mu dheireadh.

Cha deach bàs sam bith a chlàradh sna h-Eileanan an Iar.

Tha na figearan cuideachd a' sealltainn gu bheil an cairteal cuid de na bàsan ann an Alba far a bheil ceangal ga dheanamh leis a' Choròna-bhìoras air tachairt ann an dachaighean-cùraim.

Chaidh cùis dhen bhìoras a dhearbhadh an t-seachdain-sa ann an Dachaigh-cùraim Highview ann an Inbhir Nis.

Tha cùisean de Chovid-19 air a bhith ann an Ospadal Rìoghail a' Chinn a Tuath sa bhaile - a tha a' toirt cùraim do sheann euslaintich sa chumantas - cuideachd.