Taic a bharrachd do ghnothachasan beaga Albannach

Am Prìomh Shràid, Inbhir Nis

Chuirear fàilte air an taic a bharrachd a dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba airson gnothachasan beaga a chuideachadh tro staing a' Choròna-bhìorais.

Bha daoine air dragh a thogail mu cho-dhùnadh an riaghaltais aon tabhartas a thoirt do gach gnothachas, seach aon tabhartas airson gach àite aig gnothachasan mar a thathas a' dèanamh sa chòrr dhen Rìoghachd Aonaichte.

Thuirt Rùnaire an Ionmhais, Ceit Fhoirbeis, Diciadain, gun robh i air èisteachd ri na draghan agus gum biodh cothrom a-nis aig gnothachasan beaga tabhartas de 75% iarraidh airson àiteachan no togalaichean a bharrachd.

Chuir i £120m a bharrachd ris an sgeama airson sin a choileanadh.

Riatanach

Dh'fhoillsich i cuideachd £100m a bharrachd 'son daoine a tha ag obair air an ceann fhèin agus do ghnothachasan nach fhaigheadh càil bhon taic a chaidh fhoillseachadh roimhe.

Chuir Ms Fhoirbeis ìmpidh air gnothachasan tagraichean riatanach a chur a-steach a mhàin - is i ag ràdh gun robh e coltach ris a' chomhairle do dhaoine a bhith a' ceannach dìreach na tha a dhìth orra sna bùitean.

Tha an t-ionmhas as ùr a thuilleadh air an taic de £2.2bn a chaidh foillseachadh nuair a chaidh bacaidhean a' Choròna-bhìorais a chur an sàs, rud a bha mar phàirt de thaic luach £30bn a chaidh fhoillseachadh leis an t-Seansalair, Rishi Sunak.

Thuirt ministearan Albannach gun robh a h-uile sgillinn dhan taic seo ga thoirt seachad - ach chaidh an càineadh le luchd-poileataics dùbhlanach agus le cuid de ghnothachasan beaga seach gun robh iad air slighe eadar-dhealaichte a ghabhail bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.

Cuideachadh

Thuirt Dàibhidh Richardson bho Chaidreachas nan Gnothachasan Beaga sa Ghàidhealtachd 's a h-Eileanan gun robh iad air an dòigh, agus iad air iarraidh air an Riaghaltas na h-atharrachaidhean seo a chur an sàs ann an litir gu Rùnaire a' Chultair sna Turasachd, Fiona Hyslop an t-seachdain seo chaidh.

"Cuidichidh e daoine a chaidh a dh'obair air an ceann fhèin bho chionn ghoirid, rud a bha na thrioblaid mhòr.

"Cuidichidh e mòran ghnothachasan a tha stèidhichte aig an taigh, am measg sin gnothachasan leabaidh is breacaist, thathas ag innse dhuinn, rud a tha mìorbhaileach.

"Cuidichidh e gnothachasan beaga aig a bheil dhà neo thrì bhùitean neo àiteachan-bìdh, rud a tha mìorbhaileach cuideachd," thuirt e.