Ceum eile do shiostam a' phioramaid
- Air fhoillseachadh

Gu follaiseach, chan eil an saoghal mar a bha e.
Cò chreideadh gun tuiteadh an àireamh de dhaoine a bh' air aiseagan ChalMac Didòmhnaich na Càisge 99.2%.
Agus gun cuireadh CalMac fàilte mhòr air na figearan.
Ach fiù 's ann an saoghal a tha air a dhol bun os cionn, tha e coltach nach eil mòran air atharrachadh ann am ball-coise na h-Alba, is clubaichean an SPFL ag argamaid nam measg fhèin air mar bu chòir an seusan a thoirt gu ceann.
Fhad 's a bha an deasbad sin a' sìor fhàs nimheil, thàinig naidheachd eile a bheir cruth-atharrachadh air ball-coise na dùthcha aig ìre nas ìsle.
Àr-a-mach
Dà bhliadhna air ais, dh'innis buidheann mhòr de sgiobaidhean Junior bho thaobh sear mheadhan na h-Alba gun robh iad a' cur cùil ri ìre Junior agus a' gluasad dhan t-siostam phioramaid, an siostam a tha a' biathadh a-steach dhan SPFL.
Bhon uairsin bha ceist ann mu na sgiobaidhean Junior air taobh siar na dùthcha.
Tha dearbhadh ann a-nise gu bheil iadsan air an dearbh shlighe a ghabhail. A h-uile gin dhiubh, na 63 cluba a bha ann an Roinn Junior Taobh Siar na h-Alba.
Fuamhairean mar Auchinleck Talbot is Pollok Juniors a' cur cùil ris an inbhe anns an robh iad fad ghinealachan.
Deireadh-linne a tha sin, adhartas ann no às.
Bidh iad a-nise nam pàirt de lìog ùr, Lìog Taobh Siar na h-Alba, ged nach eil cinnt ann fhathast dè an cruth a bhios air is 67 clubaichean gus a bhith ann uile gu lèir.
Suidhidh an lìog ùr ri taobh Lìog Taobh Sear na h-Alba is Lìog Cheann a Deas na h-Alba, is na trì a' biathadh a-steach gu Lìog na Galltachd.
Tha Lìog na Galltachd, a chaidh a stèidheachadh ann an 2013, a' suidhe ri taobh Lìog na Gàidhealtachd, is a dhà dhiubh sin a' biathadh a-steach dhan SPFL.
'Son a' chiad turas, tha siostam pioramaid ann am ball-coise na h-Alba a tha gu ìre mhòir a' toirt a-steach na dùthcha gu lèir.
Tha ceistean a' leantainn. Eil e cothromach nach eil ach aon àite san SPFL - agus tro phlay-off - do sgiobaidhean bhon phioramaid.
Dè thachras dha na clubaichean a tha fhathast aig ìre Junior, eadar Lodainn an Iar, Fìobha, Taobh Tatha, Siorrachd Pheairt, Machair Aonghais is an Iar-Thuath? Dè thachras dhan phrìomh fharpais aca, Cupa Junior na h-Alba?
Tha ceistean bunaiteach air a' Ghàidhealtachd cuideachd.
Slighe
Ged a tha structar a-nise air a stèidheachadh fo Lìog na Galltachd, chan eil dad den leithid fo Lìog na Gàidhealtachd.
Tha còmhraidhean air a bhith ann a thaobh na clubaichean Junior san Iar-Thuath is clubaichean Lìog Cailleannach a Chinn a Tuath a chur ann an siostam sgìreil a bhiodh a' biathadh Lìog na Gàidhealtachd.
Bha na còmhraidhean sin aig ìre thràth nuair a nochd staing a' Choròna-Bhìorais, ach chanadh gu leòr gur e modal den leithid an ath-cheum sa phròiseas.
Le Arcaibh a' cluiche mar-thà ann an Lìog Cailleannach a' Chinn a Tuath, is Leòdhas is na Hearadh a' cluiche ann am farpaisean chupa na lìge sin, 's e modal a bhiodh ann cuideachd a bhiodh fosgailte - ann am prionnsabal co-dhiù - do sgioba eileanach sam bith a dh'fhaodadh uaireigin a bhith dàna gu leòr 'son feuchainn air a' phioramaid.
Tha sin uile pìos mòr air falbh, ma thachras e idir, ach bhiodh slighe ann.
Tha lìogaichean na h-Alba, dùinte cho fada, a-nise nas fhosgailte na bha iad riamh.