Càineadh mu ghearradh HIE

Published
image copyrightPA Media

Chaidh Riaghaltas na h-Alba a chàineadh às ùr mu ghearradh ann am buidseat Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Thuirt Pàrtaidh Làbarach na h-Alba gur e mearachd mhòr a bh' ann bho thùs gearradh 5% a dhèanamh ann am buidseat na buidhne-iomairt.

Tha iad ag ràdh a-nise le staing a' Choròna-Bhìorais gu bheil e follaiseach gum bu chòir buidseat HIE a dhìon.

Taic

Thuirt Dàibhidh Stiùbhart BPA gu bheil dùbhlan mòr eaconomach ann do chompanaidhean air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean ri linn Covid-19.

Tha e ag ràdh gu bheil iad feumach air taic bho HIE.

Thuirt neach-labhairt bho Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad gu math mothachail mun t-suidheachadh a th' aig coimhearsnachdan air a' Ghàidhealtachd is anns na h-Eileanan, is gun cuidich tòrr de na ceumanan ùra a tha iad air foillseachadh companaidhean san sgìre.

Thuirt iad gu bheil HIE ag obair gus gnothachasan a chuideachadh tron staing a th' ann.