Coròna-Bhìoras an dachaigh-cùraim an Inbhir Nis

Published

Dhearbh dachaigh-cùraim ann an Inbhir Nis gu bheil neach a tha a' fuireach ann a' fulang leis a' Choròna-Bhìoras.

Tha Highview House ann an Sgòrr Gaoithe air a ruith leis a' bhuidhinn Barchester.

Thuirt Barchester gu bheil feadhainn leis a' Choròna-Bhìoras anns na dachaighean-cùraim aca air an cumail fa leth bho luchd-còmhnaidh eile, 's gu bheil aodach dìon aig an fheadhainn a tha a' coimhead às an dèidh.

Sàbhailteachd

Thuirt iad gu bheil iad misneachail gun tèid na ceumanan ceart a leantainn gus a h-uile duine a th' ann a chumail cho sàbhailte 's a ghabhas.

Aig an dearbh àm, nochd teaghlach neach eile ann an Highview House dragh a thaobh mar a thàinig am bhìoras dhan àite.

Tha iad a' cumail a-mach gun do nochd e nuair a chaidh euslainteach a ghluasad bho Ospadal Rìoghail a' Chinn a Tuath ann an Inbhir Nis, far a bheil an Coròna-Bhìoras air cuid de na h-euslaintich.

Tha am BBC air beachd iarraidh bho NHS na Gàidhealtachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh