Obair a' leantainn 'son bathar a thoirt far an MV Kaami

MV Kaami Image copyright MCA
Image caption Chaidh an MV Kaami air na creagan faisg air an Eilean Sgitheanaich air a mhìos sa chaidh.

Tha obair a' leantainn 'son bathar a thoirt far a' bhàta-charago, an MV Kaami, a chaidh air na creagan faisg air an Eilean Sgitheanach air a' mhìos sa chaidh.

Tha luchd-obrach sàbhalaidh air an treas cuid den bhathar a bha air bòrd - connadh a tha air a dhèanamh a-mach à sgudal - a thoirt far an t-soitheach, ach tha droch thìde air maill a chur orra a bhith toirt an còrr aiste.

Bha beagan dìosail air aoidean aiste nuair a chaidh i air na creagan an toiseach, ach cha robh an truailleadh dona.

'S iad Luchd-obrach Sàbhalaidh Mara aig Rùnaire na Stàite, Sgioba nam Maor-cladaich, companaidh àrachais a' bhàta, agus Buidhean Àrainneachd na h-Alba a tha os cionn na h-obrach.

Tha Buidhean Rannsachaidh nan Tubaistean Mara a' leantainn leis an rannsachadh aca a thaobh dè dh'aobhraich an tubaist.

Chaidh bàtaichean eile a chasg bho a bhith a' dol càil nas fhaisg na 500 meatar bhon MV Kaami, ach a mhàin an fheadhainn a tha an sàs anns an obair-sàbhalaidh.