Fèis Bharraigh air a cur dheth
- Air fhoillseachadh

Thàinig dearbhadh nach bi Fèis Bharraigh ann am-bliadhna.
Bha an fhèis gus clach-mhìle shònraichte a chomharrachadh is i 40 bliadhna a dh'aois.
B' ann am Barraigh ann an 1981 a thòisich na fèisean mar a tha iad an-diugh.
Bha gu leòr san amharc aig Fèis Bharraigh gus an ceann-bliadhna a chomharrachadh, ach tha iad a-nise air aideachadh gu bheil suidheachadh a' Choròna-Bhìorais a' fàgail nach urrainn dhan fhèis san Iuchar a dhol air adhart.
Sàbhailteachd
Dh'innis Fèis Bharraigh gun tàinig iad dhan cho-dhùnadh le "cridheachan trom" ach gur e sàbhailteachd a h-uile duine an rud as cudromaiche.
Thuirt iad gu bheil a h-uile dùil aca 40 bliadhna den fhèis a chomharrachadh nuair a tha e sàbhailte dhaibh sin a dhèanamh.
Gheall iad cuideachd gum bi Fèis Bharraigh 2021 sònraichte dha-rìribh.