Banca-bìdh ùr am Baile a' Chaolais do dhaoine ann an staing

Banca-bìdh

Dh'fhosgail banca-bìdh ùr ann am Baile a' Chaolais airson taic a thoirt do theaghlaichean a th' ann an staing agus bacaidhean a' Choròna-Bhìorais a' leantainn.

Chaidh a stèidheachadh leis a' bhuidhinn Covid-19 : Buidheann-taic Coimhearsnachd Bhaile a' Chaolais an dèidh do cheisteachan air-loidhne dèanamh dheth gu bheil na bacaidhean air buaidh a thoirt air an obair agus an teachd a-steach aig mu dhàrna leth de mhuinntir na sgìre.

Tha an eaconamaidh ionadail gu mòr an crochadh air turasachd.

"Sheall an ceisteachan againn gu bheil iomagain air tòrr dhaoine san sgìre mun teachd a-steach aca", thuirt Deborah Fyfe bhon bhuidhinn.

Spiorad

"Bha sinn a' beachdachadh air mar a b'urrainn dhuinn cuideachadh a thoirt seachad, 's bha sinn den bheachd gur e toiseach-tòiseachaidh math a bhiodh ann, taic a chumail ri daoine le biadh", thuirt i.

Faodaidh daoine biadh a thogail aig talla Bhaile a' Chaolais air neo faodaidh a' bhuidheann a dhol thuca.

Thuirt Deborah gu bheil iad air am misneachadh le mar a tha muinntir a' bhaile a' tarraing còmhla san t-suidheachadh a th'ann.

"Ged a tha cùisean doirbh, tha e math gu bheil sinn a' tighinn ri chèile airson daoine a chuideachadh. Tha coimhearsnachd làidir againn an seo agus tha sinn a' faicinn an aon rud ann an àiteachan eile, coimhearsnachdan a' tarraing ri chèile airson a h-uile duine a chuideachadh", thuirt i.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile