Eden Court dùinte gu co-dhiù an Ògmhìos

Talla-cluich Eden Court

Bidh Talla-cluich Eden Court dùinte gu co-dhiù an 1mh den Ògmhìos ri linn a' Chòrona-Bhìorais.

Thèid fios a chur gu daoine aig a bheil ticeadan 'son cuirmean suas gu deireadh a' Chèitein.

Thuirt Eden Court gu robh cothrom fhathast aig daoine ticeadan a cheannach airson cuirmean às dèidh an 1mh den Ògmhìos.

Tha an tachartas samhraidh "Under Canvas" a thèid a dhèanamh ann an co-bhanntachd le Fèis Rois, 's a bha còir tòiseachadh tràth san Ògmhìos, ga ghluasad gu beagan nas fhaide air a' bhliadhna.

Thèid fiosrachadh mun a sin fhoillseachadh an ceann ùine.

Teachd a-steach

Ged a dh'fhaodadh na riaghailtean a thaobh a bhith a' cumail astair bho dhaoine a bhith air an lagachadh ron Ògmhìos tha tòrr den na tachartasan a bha còir a bhith ann air an cur dheth, dheth rè ùine, no gan gluasad gu àm eile mar-thà.

Thuirt Àrd-oifigear Eden Court, Seumas MacCoinnich-Blackman, gur dòcha gur e seo an dùbhlan as motha a th' air a bhith ron ghoireas bho chaidh fhosgladh.

"Tha mu 75% den teachd a-steach againn a' tighinn bho thiceadan, agus bhon chafaidh agus a' bhàr, agus an tachartas "Under Canvas".

"Stad an teachd a-steach sin taobh a-staigh seachdainn," thuirt e.