An Coròna-bhìoras an Ospadal Rìoghail a' Chinn a Tuath

Ospadal Rìoghail a' Chinn a Tuath

Dhearbh NHS na Gàidhealtachd gu bheil an Coròna-bhìoras air cuid de na h-euslaintich ann an Ospadal Rìoghail a' Chinn a Tuath ann an Inbhir Nis.

Tha an galar air buaidh a thoirt air cuid a luchd-obrach cuideachd.

Tha an t-ospadal coimhearsnachd a' toirt cùram do sheann euslaintich sa chumantas.

Thuirt am bòrd slàinte gu bheil iad a' leantainn nam modhanan-obrach àbhaisteach 'son a bhith a' cur stad air galar bho a bhith a' sgapadh agus nach eil e ceadaichte do dhaoine a dhol a thadhal air euslaintich.

"Tha an luchd-obrach a' conaltradh le càirdean nan euslainteach tron fòn, agus tha sinn an dòchas gun tuig daoine carson nach urrainn dhaibh tadhail air an ospadal aig an àm-sa," thuirt am bòrd.

Thuirt ceannardan an ospadail gu bheil an galar air buaidh a thoirt air àireamh an luchd-obrach ach gun deach barrachd luchd-obrach a thoirt a-steach gus dèanamh cinnteach gu bheil an àireamh a bu chòir a bhith ann.

Cùisean

Tha 58 duine san ospadal air Ghàidhealtachd a' fulang le Covid 19, a rèir figearan ùra Riaghaltas na h-Alba.

Tha ceithir dhiubh fo dhlùth chùram.

Thuige seo chaidh 168 cùis a dhearbhadh ann an sgìre na Gàidhealtachd.

Tha 6 cùis dearbhte sna h-Eileanan an Iar.

Uile gu lèir chaidh dearbhadh gun do bhàsaich 615 duine ann an Alba air an robh an Coròna-bhìoras.

Ach thathas a' tuigse gu bheil am figear ceart tòrr nas àirde na sin.