Dragh mu bhacadh air luchd-coiseachd

Published
image captionTha mòran slighean-coise leithid seo ann an Inbhir Nis fhathast fosgailte

Tha dragh ga thogail gu bheil uachdarain ann an cuid a sgìrean de dh'Alba fhathast a' feuchainn ri stad a chur air daoine bho a bhith a' dol air an fhearann aca agus bacaidhean a' Choròna-bhìorais an sàs air feadh na dùthcha.

Thug Comhairle na Gàidhealtachd rabhadh seachad an t-seachdain seo chaidh do dh'uachdarain gun a bhith a' cur bacadh air daoine bho a bhith a' faighinn air slighean coise.

Seo an dèidh aithrisean gun deach grunn shoidhnichean a chur an àirde gu mì-laghail ann an oidhirp stad a chur air luchd-coiseachd.

Thuirt a' bhuidheann Ramalairean na h-Alba gu bheil laghan inntrigidh na dùthcha fhathast an sàs agus gu bheil e cudromach gum faigh daoine gu na slighean-coise ionadail aca airson eacarsaich.

Reusanta

Thuirt Brendan Paddy bhon bhuidhinn gu bheil iarratasan reusanta slighean agus àiteachan a sheachnadh ri linn Covid 19 ceart gu leòr ach nach robh a' chòir aig uachdarain slighean a bha roimhe fosgailte a dhùnadh.

Tha iad a' moladh do luchd-coiseachd a bhith mothachail mun bhìoras agus a bhith a' nighe an làmhan mus fhàg iad an taigh agus gun a bhith a' bontainn ri geataichean mas urrainn dhaibh.

"Bhiodh tu airson àiteachan far a bheil daoine ag obair a sheachnadh. Biodh tu airson achaidhean far a bheil uain gam breith a sheachnadh ma tha thu a-muigh a' coiseachd leis a' chù.

"Dh'iarradh sinn air daoine iad fhèin a ghiùlain ann an dòigh reusanta agus cùramach aig an àm dhuilich a tha seo. Tha sinn ag aithneachdh gu bheil tuathanaich - mar a tha a h-uile duine eile - fo bharrachd uallaich an-dràsta," thuirt Mgr Paddy.