Luchd-siubhail Didòmhnaich na Càisge sìos 99.2%
- Air fhoillseachadh

Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gu bheil àireamhan luchd-siubhail a' sealltainn gu bheil daoine a' leantainn nan riaghailtean a th' ann a bhith a' fuireach aig an taigh.
Dh'innis a' chompanaidh nach do chleachd ach 163 duine aiseagan Didòmhnaich na Càisge.
Bha sin sìos bho 21,570 air an dearbh là an-uiridh - lùghdachadh 99.2%.
Uile gu lèir eadar Dihaoine is Diluain, bha 1837 duine air aiseagan ChalMac. Bha sin sìos bho 112,000 ann an 2019.
Stiùireadh
Thuirt a' chompanaidh cuideachd nach tàinig orra stad a chur air carbadan sam bith a bha 'son siubhail aig an deireadh-sheachdain.
Bha iad air innse mar-tha gun do dhiùlt iad cothrom siubhail do 66 duine sa chola-deug ron sin leis nach robh iad a' meas gun robh e riatanach dhaibh a bhith a' seòladh air na bàtaichean-aiseig aca.
"Bha dragh ann leis an deagh shìde air deireadh-seachdain na Càisge gum biodh cuid de dhaoine airson feuchainn ri siubhail dha na h-eileanan nuair nach robh e deatamach dhaibh sin a dhèanamh", thuirt Raibeart Moireasdan bho ChalMac.
"Cha robh againn ri carbadan sam bith a dhiùltadh. Eadar sin agus cho fìor ìosal 's a bha àireamhan luchd-siubhail, tha e ag innse dhuinn gu bheil daoine ag èisteachd ri stiùireadh riaghaltais a bhith a' fuireach aig an taigh.
"Chan eil sinn a' giùlain ach bathar is luchd-obrach a tha riatanach airson eaconomaidhean eileanach a chumail a' dol is coimhearsnachdan a chumail sàbhailte", thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 10 An Giblean 2020