Eagal mu thurasachd san Eilean Sgitheanach

Published

Nochd eagal san Eilean Sgitheanach gur dòcha gun tèid companaidhean turasachd à bith ri linn suidheachadh a' Choròna-bhìorais.

Tha an gnìomhachas air sìor fhàs cudromach dhan sgìre, le rannsachadh an-uiridh a' cumail a-mach gu bheil luchd-turais a' cosg £100m sa bliadhna san Eilean Sgitheanach.

Le suidheachadh a' Choròna-bhìorais a' leantainn, tha dragh ann gur dòcha nach bi seusan turasachd idir ann am-bliadhna.

Tha iomagain san eilean cuideachd nach eil na sgeamaichean taice a th' ann a' freagairt air cuid de chompanaidhean turasachd.

Thuirt Faye NicLeòid a tha ag obair mar neach-cunntais san eilean gu bheil cunnart ann gun tèid cuid de chompanaidhean à bith.

Call

"Tha an cunnart sin ann, gu h-àraid bho nach eil fhios againn dè cho fad 's a tha seo a' dol a mhaireachdainn" thuirt Faye.

"'S e an duilgheadas as motha, 's e chan e a-mhàin ged a mhaireadh seo ach dà mhìos no trì mìosan, tha sinn cha mhòr air seusan a chall.

"Tha sinn air na mìosan tràth den t-seusan a chall is cuideachd bidh buaidh aig a seo a bhios nas maireannaiche na sin.

"Bidh daoine a' smaoineachadh 's dòcha nach tèid iad air làithean-saora idir am bliadhna.

"Chan eil fhios againn nas motha cuine a dh'fhosglas luchd-turais eadar-nàiseanta. 'S dòcha gum bi sin air a chall dhuinn airson an t-seusain gu lèir", thuirt i.