Dragh mu thaic do ghnìomhachasan beaga

Airgead Image copyright PA Media

Thathas ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba tuilleadh taic a thoirt do ghnothachasan beaga agus feadhainn a tha ag obair air an ceann fhèin.

Sgrìobh Caidreachas nan Gnìomhachasan Beaga, an FSB, gu Rùnaire a' Chultair 's na Turasachd, Fiona Hyslop, agus dragh orra nach fhaigh cuid de ghnothachasan beaga Albannach an aon ìre de thaic 's a tha ri fhaighinn ann an Sasainn.

Tha iomagain air a' bhuidhinn nach fhaigh gnothachasan a tha stèidhichte san dachaigh neo ann an carbad, cuideachadh bho sgeama tabhartais Riaghaltas na h-Alba.

Chan fhaigh daoine a chaidh a dh'obair air an ceann fhèin bho chionn ghoirid buannachd bho sgeama na Rìoghachd Aonaichte nas motha.

"Beàrnan"

Thuirt FSB na Gàidhealtachd 's nan Eilean gu bheil na sgeamaichean taic a th' ann an-dràsta fìor mhath dhan chuid as motha de ghnothachasan.

Thuirt iad ge-tà, nach eil iad rim faighinn dhan a h-uile gnothachas, gu sònraichte feadhainn bheaga a tha cho cudromach do dh'eaconamaidh na Gàidhealtachd.

"Chaidh Riaghaltasan na Rìoghachd Aonaichte is na h-Alba an sàs gu luath agus chuir iad air dòigh sgeamaichean taice èiginn aig toiseach na staing a th'ann", thuirt Dàibhidh Richardson bho FSB na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

"Ged a tha na sgeamaichean sin air feum a dhèanamh, tha tuill annta is chan eil a h-uile duine a' faighinn buannachd àsta.

"Tha e riatanach gun tèid na beàrnan sin a chur air ceart. Tha sinn a' tuigsinn nach eil craobh airgid aig Riaghaltas na h-Alba, ach 's e a tha a dhìth ach sgeama subailte", thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile