13 cùis eile den Choròna-Bhìoras dearbhte air a' Ghàidhealtachd

Published

Dhearbh Riaghaltas na h-Alba gu bheil 13 duine eile a' fulang leis a' Choròna-Bhìoras air a' Ghàidhealtachd, a' toirt na àireimh de chùisean san sgìre gu 163.

Bhon an-dè, tha 155 duine a bharrachd air feadh Alba air dearbhadh fhaighinn gu bheil am bhìoras orra, a' toirt na h-àireimh nàiseanta gu 6,067.

Tha 575 neach air bàsachadh leis ann an Alba bho thòisich am bhiòras a' sgapadh.

Air a' Ghàidhealtachd, tha an àireamh a tha a' faighinn leigheis san ospadal 's amharas gu bheil Covid-19 orra, no air a bheil am bhìoras dearbhte, air èirigh bho 53 gu 62.

Chan eil ach 6 neach dearbhte leis a' bhìoras anns na h-Eileanan Siar..