Sgeama taice do ghnìomhachasan beaga

Air fhoillseachadh

Chaidh sgeama taice a chur air dòigh anns na h-Eileanan an Iar 'son airgead a thoirt do ghnìomhachasan beaga a tha a' fulang air sgàth a' Choròna-Bhìorais.

Thuirt Ceannard na Comhairle, Ruairidh MacAoidh, gun tèid grantaichean suas ri £5k a thoirt seachad do ghnìomhachasan beaga nach eil a' faighinn taic aig an ìre-sa.

Thuirt an Comh. MacAoidh gum bu chòir do dhaoine feuchainn an toiseach air taic fhaighinn bho sgeamaichean an Riaghaltais ach, mura tèid leotha, a dhol thuca-san.

Seasmhach

Tha Comhairle nan Eilean Siar mar-thà air faochadh tri mìosan a thoirt do ghniomhachasan beaga, a th' air iasad a thoirt a-mach leotha, an t-iasad sin a' phàigheadh air ais.

Thug Cathraiche Comataidh an Leasachaidh Mhaireannaich, Dòmhnall Crichton, taing dhan a h-uile duine a th' air a bhith an sàs ann a bhith cur air dòigh an sgeama taice.

"Tha sinn airson nas urrainn dhuinn a dhèanamh 'son taic a chur ri gnìomhachasan feuch an tèid aca air a bhith seasmhach nuair a tha a' chùis seo seachad", thuirt e.

Tha a' Chomhairle air 450 tagradh fhaighinn tro sgeama taic Riaghaltas na h-Alba, agus chaidh còrr is £1.6m a thoirt seachad do ghnìomhachasan beaga anns na h-Eileanan an Iar.