Tagradh 'son fiosrachadh mu thubaist-rathaid
- Air fhoillseachadh

Tha na poilis air a' Ghàidhealtachd a' sireadh fiosrachaidh às deidh dhroch thubaist-rathaid faisg air Baile Dhubhthaich.
Thachair an tubaist timcheall air 11.45m Disathairne air rathad Scotsburn mu mhìle taobh a muigh Bhaile Dhubhthaich.
Cha robh ach aon charbad a-sàs san tubaist, càr dearg Volkswagen Golf.
Chaidh fireannach aois 43 a thoirt a dh'Ospadal an Rathaig Mhòir 's e ann an cunnart a bheatha.
Thuirt an t-Sàirdseant Ewan Calder bho aonad obair-phoileis nan rathaidean: "Tha sinn a' dèanamh tagradh do dhuine sam bith a dh'fhaodadh càr dearg Volkswagen Golf, leis an àireamh-chlàraidh YE02 HDK, fhaicinn goirid ron tubaist, fios a chur thugainn."