Deuchainnean a dh'aithghearr do sgìrean dùthchail

Air fhoillseachadh

Dh'innis Riaghaltas na h-Alba gum bi e comasach do bhùird-slàinte ann an sgìrean dùthchail, leithid NHS nan Eilean Siar, deuchainnean a' Choròna-Bhìorais a dhèanamh iad fhèin a dh'aithghearr.

Bha an Riaghaltas a' toirt freagairt do bhall-pàrlamaidh nan Eilean Siar aig Westminster, Aonghas Brianan MacNèill, a sgrìobh gu Rùnaire na Slàinte, Jeane Freeman.

Ged a tha a' chuid mhòr den uidheamachd a tha a dhìth airson nan deuchainnean aig NHS nan Eilean Siar an dràsta, bha Mgr MacNèill airson faighinn a-mach cuin a bhiodh gach pàirt, leithid na cartridges, aca.

Bhiodh sin a' ciallachadh nach biodh feum air na deuchainnean a chur air falbh a Ghlaschu, mar a tha a' tachairt an-dràsta, airson dearbhadh.

Thuirt Mgr MacNèill, ged a tha deuchainnean a dol air adhart, nach eil gu leòr dhiubh.

"Tha timcheall air 50 neo 60 deuchainn air tachairt san sgìre anns na trì seachdainnean mu dheireadh ach leigeadh an t-inneal seo ri 50 deuchainn a dhèanamh san là.

"Feumar seo a dhèanamh 'son fios fhaighinn mu càite a bheil am bhìoras agus lorg 's glas air choireigin a chur air," thuirt Mgr MacNèill.

Thuirt neach-labhairt bho Riaghaltas na h-Alba gun toir Rùnaire na Slàinte freagairt do litir Mhgr MhicNèill a dh'aithghearr.

"Tha sinn a' leasachadh a' chomais a th' againn deuchainnean a dhèanamh agus ag amas air a bhith a' dèanamh 3,200 dhiubh gach là ro thimcheall air deireadh a' Ghiblein.

"Bidh e comasach do bhùird-slàinte dùthchail, Na h-Eileanan an Iar nam measg, deuchainnean a dhèanamh aig ìre ionadail a dh'aithghearr agus sinn a' cur uidheamachd deuchainn-lainn gu feum ann an dòighean eadar-dhealaichte," thuirt iad.