Rabhadh do luchd-turais gun a dhol dhan Ghàidhealtachd

Càr air NC 500 Image copyright Getty Images
Image caption Tha 516 mìle san t-slighe NC 500

Chaidh soidhnichean a chur an-àirde fad slighe NC 500 a tha a' toirt rabhadh do luchd-turais gun thighinn ann airson coimhearsnachdan a dhìon bho Chovid-19.

'S e deireadh-seachdain na Càisge aon de na h-amannan as tràinge ach tha na rathaidean sàmhach agus a' mhòr-chuid de luchd-tadhail a' cumail ri casg-siubhail a' Choròna-Bhìorais mura a h-eile feum ann.

Chaidh raointean parcaidh air feadh na Gàidhealtachd ann an àiteachan far a bheil daoine tric a' tadhal a dhùnadh leis na h-ùghdarrasan iondail.

Dh'iarr am Pàrtaidh Uaine air Riaghaltas na h-Alba beachdachadh air na geataichean sneachda air an A9 a dhùnadh ann an oidhirp stad a chur air luchd-tadhail.

Image copyright Tiegan Johnston

Teachdaireachd shoilleir

Mus do chuireadh na riaghailtean cruaidh an sàs bha mòran dhaoine air siubhal chun na Gàidhealtachd far a bheil dàrna taigh aig cuid.

Tha daoine sna sgìrean sin a-nis air sanasan a chur suas ag innse dhaibh nach bi fàilte orra fhad 's a leanas èiginn a' ghalair.

Thuirt Jim MacIain bho Chomhairle Coimhearsnachd a' Bhlàrain Odhair gun do chuir na thàinig de luchd-turais uabhas air luchd-còmhnaidh.

"Bha iad a' smaoineachadh gur dòcha gun robh na daoine sin a' teicheadh bhon bhìoras nas fhaide aig deas agus gun robh làn dùil aca thighinn an seo airson a sheachnadh, ach bhiodh sin air daoine a tha a' fuireach an seo a chur ann an cunnart."

Image caption Tha cuid de bhailtean air soidhnichean a chur an-àirde ag innse do luchd-turais a dhol dhachaigh

Draghan

Tha daoine a tha an sàs ann an turasachd air slighe an NC 500 taiceil do na bacaidhean air na tha ceadaichte dhan phoball a bhith a' dèanamh 'son maill a chur air sgaoileadh a' bhìorais.

Tha gu leòr aca a' crochadh air a' ghnìomhachas airson bith-beò a bhith aca agus tha e na adhbhar iomnaidh dhaibh nach tèid aca air cumail a' dol as aonais taic airgid.

Thuirt Joyce Chaimbeul gun robh an rathad "gu tur sàmhach" le dìreach luchd-obrach riatanach a' siubhal air.

Thuirt i: "An-uiridh cha mhòr nach robh càr neo bhana-campachaidh a' dol seachad a h-uile dà mhionaid, gu leòr aca a' cosg airgid a chum maith na h-eaoncomaidh ionadail."

Image copyright Tiegan Johnston

Fhuair rannsachadh gun do chuir an t-slighe, sa 516 mìle, £22.8m ri eaconamidh na Gàidhealtachd ann an 2018.

Chaidh 180 cosnaidhean a chruthachadh cuideachd aig an robh ceangal ris an t-slighe.

Thuirt Dàibhidh Whiteford, cathraichean Iomairt Cheann a Tuath na Gàidhealtachd, a' bhuidheann air cùl North Coast 500, gun robh gnìomhachasan feumach air airgead airson an cumail a' dol fhad 's nach bi cead aig luchd-turais thighinn.

"Tha mi airson agus gum beachdaich na h-ùghdarrasan air siostam fom faigheadh daoine cuid den airgead a bhiodh iad air cosnadh gu ruige seo," thuirt e.

"Mura faigh iad taic le cabhag, tha cunnart ann gun ruith iad a-mach à airgead agus nach bi iad deiseil aon uair agus gun tèid na bacaidhean a thogail."