Bhac CalMac 66 luchd-siubhail

Published
image copyrightGetty Images

Dhiùlt CalMac cothrom siubhail do 66 duine sa chola-deug mu dheireadh leis nach robh iad a' meas gun robh e riatanach dhaibh a bhith a' seòladh air na bàtaichean-aiseig aca.

Chuir a' chompanaidh riaghailtean ùra an sàs air a' mhìos a chaidh gus stad a chur air luchd-turais agus daoine nach fheum a bhith a' siubhal bho a bhith a' cleachdadh nan seirbheisean aca.

Dhearbh Stiùiriche Sheirbheisean Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn, Raibeart Moireasdan, gun robh an aithris mu na h-àireamhan dhaoine nach do leig iad air bòrd fìor.

"Leis an t-sìde nas fheàrr ris a bheil dùil dh'fhaodadh gum bi cuid de dhaoine airson sgrìob a thoirt a-null chun nan eilean, ach tha an teachdaireachd againn soilleir dhaibh nach bi cead aca siubhal."

Tha na seirbheisean a-mhàin do dhaoine a dh'fheumas a bhith a' siubhal airson an cuid obrach, na seirbheisean èiginn agus do dhaoine a tha a' toirt bìdhe, stuth meadaigeach agus eile dha na h-eileanan.