Bàs am prìosan ri linn Covid-19

Prìosan Image copyright PA Media

Tha prìosanach Albannach a bha a' fulang leis a' Choròna-Bhìoras air bàsachadh san ospadal.

B' e eucoireach drabasta a bh' ann an John Angus, 66, a bha ga chumail aig Prìosan Saughton ann an Dùn Èideann, 's a bhàsaich Diardaoin.

Cha chanadh NHS Lodainn dad mun chùis, ach chaidh innse don BhBC gun deach am bhìoras a dhearbhadh ann.

Chaidh fhaighinn ciontach aig an Àrd-Chùirt ann an Inbhir Nis an 2010 gun tug e droga do bhoireannach, 's gun tug e ionnsaigh oirre.

Bha òrdugh smachdachaidh fad-beatha air, agus chuireadh binn 11 bhliadhna air roimhe airson tidsear bun-sgoile air taobh sear Rois a cheangal 's a beul a stopadh, agus airson neach-glanaidh sgoile a thoirt am bruid aig an aon sgoil le sgithinn ann an 1994.

'S e seo a' chiad bhàs bhon bhìoras am measg phrìosanach an Alba.

Tha am BBC a' tuigsinn gun deach innse do ghrunn de luchd-obrach a' phrìosain a bh' air a bhith ag obair leis a' phrìosanach iad fhèin a chumail nan aonar.

Tha mu 30 prìosanach gan cumail nan aonar an-dràsta ann an deich prìosanan an Alba, 's comharran a' Choròna-Bhìorais orra, a rèir Seirbheis Prìosan na h-Alba.

An-dràsta, tha mu 7,500 prìosanach ann am prìosanan na h-Alba, sìos mu 500 bho chaidh an dùthaich a dhùnadh sìos ri linn a' bhìorais.