NHS nan Eilean Siar a' sireadh bhoghachan-froise

Published
image copyrightNHS nan Eilean Siar
image captionKatie Mòrag agus Seonag bho Scalpaigh le an cuid dealbhan

Tha NHS nan Eilean Siar ag iarraidh air clann dealbhan de bhoghachan-froise a chur thuca airson togail inntinn a thoirt do dhaoine a tha glaiste a-staigh.

Sna beagan sheachdainnean a dh'fhalbh tha ìomhaighean de bhoghachan-froise air nochdadh ann an iomadach uinneag air feadh na sgìre mar dhòigh air fiamh a ghàire a chur air daoine a tha a' dol seachad.

Tha iad cuideachd a' toirt taic do luchd-obrach seirbheis na slàinte.

A-nis, tha NHS nan Eilean Siar airson agus gun cuir clann an cuid dealbhan thuca airson agus gun sgaoil iad gu daoine air-loidhne - gu h-àraid dhan fheadhainn a tha a' cumail air falbh bho chàch am broinn an taighe.

Thuirt Àrd Oifigear NHS nan Eilean Siar, Gòrdan MacSheumais: "Tha sinn airson togail a thoirt do dhaoine aig an àm dhuilich seo cho math ri bhith a' brosnachadh na cloinne fhad 's a tha iad far na sgoile agus ag ionndrainn an cuid caraidean."

Chan eil riaghailtean ann, dìreach gu feum bogha-froise a bhith ann agus gu bheil an dealbh dathach.

Cha bu chòir, ge-tà, na dealbhan a chur tron phost; gabhaidh an cur mar theachdaireachd phrìobhaideach air duilleag Facebook NHS nan Eilean Sir, tron chunntas Twitter aca, @NHSWI, neo le bhith a' cur post-d gu coms.wi@nhs.net