447 duine an Alba air bàsachadh air sgàth Covid-19

Coròna-bhìoras Image copyright Getty Images

Chaidh 15 cùisean ùra den choròna-bhìoras a dhearbhadh ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd a' fàgail 137 duine air a bheil an galar.

Tha 56 euslaintich a' faighinn cùraim ospadail, còignear nas lugha na bh'ann an-dè. Tha sianar air a bhith fo dhlùth-chùram san ospadal.

Chan eil atharrachadh air tighinn air an àireamh dhaoine air an tàinig an galar sna h-Eileanan an Iar. A rèir àireamhan oifigeil tha còignear leis a' bhìoras an sin.

Sheall deuchainnean gum bheil an galar air 13 duine eile ann an sgìre Roinn a' Mhonaidh.

Dhearbh am Prìomh Mhinistear feasgar Diaordaoin gu bheil 81 duine a bharrachd air bàsachadh mar thoradh air buaidh a' bhìorais ann an Alba.

Tha sin a' fàgail gu bheil Covid-19 air bàs a thoirt do 447 duine san dùthaich air fad.

Thuirt Nicola Sturgeon gun do dhearbh deuchainnean gu bheil am bhìorais air 5,000 duine, agus gu bheil 212 dhiubh sin a' faighinn leigheis ann an ionadan dlùth-chùraim.

Thuirt i gu robh coltas gum bi na h-àireamhan ùra a thèid fhoillseachadh gach seachdainn a' sealltainn àireamh nas àirde de bhàsan.

"Tha Clàran Nàiseanta na h-Alba a-nis a' foillseachadh àireamhan seachdaineach a bhios a' clàradh bhàsan far a bheil am bhìoras dearbhte agus far a bheil amharas ann gur e bu choireach," thuirt Ms Sturgeon.