Luchd-cùraim a' gearan nach eil PPE gu leòr aca

Published
image copyrightGetty Images

Tha companaidh dhachaighean-cùraim Gàidhealach ag ràdh nach eil iad a' faighinn uidheamachd dìon a fhreagras air an obair aca.

Tha Highland Home Carers a' cumail cosnaidh ri 500 duine ach tha iad a' cumail a-mach nach d'fhuair iad ach aon bhogsa àparanan, aon bhogsa mhiotagan agus dà bhogsa mhasgaichean-aodainn.

Tha seirbheisean cùram sòisealta a' faighinn stuth mar seo bho ionad co-roinnidh Sheirbheisean Nàiseanta NHS na h-Alba.

Tha Àrd Stiùiriche Highland Home Carers, Campbell Mair, ag ràdh gu bheil gainnead aodaich-dìona agus uidheamachd eile airson luchd-obrach a chumail sàbhailte anns na bhios iad a' faighinn.

"Cha d'fhuair sinn stuth-glanaidh làimhe no bratan-gnùise meadaigeach no speuclairean-dìona air am bi tric feum, agus feumar cuimhneachadh an seo nach gabh an sèorsa cùraim a tha sinn a' toirt seachad a dhèanamh bho astar shàbhailte.

"Tha sinn a' bruidhinn air cùram pearsanta. Tha cho comasach agus a tha e gu bhith dhuinn cumail a' dol a' frithealadh air daoine nan dachaighean fhèin an crochadh gu mòr air am faigh sinn an uidheamachd dìon cheart," thuirt Mgr Mair.

Àm dhùbhlanach

Ghabh Stiuìriche Clionaigeach Nàiseanta aig Riaghaltas na h-Alba, an t-Ollamh Jason Leitch, ris gur e PPE a sgaoileadh gu na h-àiteachan ceart aon dhe na dùbhlain as motha a tha romhpa.

"'S e co-roinneadh PPE gu àiteachan far nach robh feum air roimhe an duighleadas as motha a th'air a bhith againn.

"Tha sinn a' faighinn an fhiosrachaidh as ùire gach là mu mar a tha an siostam lìbhrigidh againn ag obair ach tha fhathast àiteachan far a bheil PPE a dhìth fhathast.

"Tha sin na dhùbhlan dhuinn fhathast, ach feumaidh sinn an stuth ceart a thoirt dha na daoine ceart, san àite cheart." thuirt e.