Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 An Giblean 2020 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dachaigh Cùraim

Tha amharas ann gur e COVID 19 a bu choireach ri bàs grunn luchd-còmhnaidh aig dachaigh cùraim ann an Lodainn an Ear. 'S e Dachaigh Cùraim Tranent an treas dachaigh ann an Alba far a bheil seann daoine air bàsachadh Tha am BBC a' tuigsinn gun deach deuchainnean a dhèanamh air luchd-còmhnaidh feuch a bheil am bhìoras orra. Thuirt fear-labhairt HC1, a' chomopanaidh a tha a' ruith na dachaigh, gun robh iad a' cumail taic fad na tìde ris an luchd-obrach, ach cha chanadh e co mheud duine a bh' air bàsachadh.

Bacaidhean

Bidh deasbad ann mu bhith a' leudachadh nam bacaidhean air siubhal agus dol a-mach an t-sluaigh nuair a bhios Rùnaire nan Dùthchannan Cèine an ceann coinneimh èiginnich eile an Riaghaltais mun Choròna-Bhìoras an-diugh. Tha na riaghaltasan fèin-riaghlaidh ann an Alba, sa Chuimrigh agus ann an Èirinn a Tuath mar thà air a ràdh gum biodh e na adhbhar dragh dhaibhsan nan deadh na bacaidhean a thogail ro thràth.

Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir

A dh'aindeoin riaghailtean smachd a' Choròna-Bhìorais bidh cothrom fhathast aig ceannardan poilitigeach an Alba ceistean a chur air Nicola Sturgeon an-diugh. Thèid Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir a chumail air-loidhne, agus 's ann air mar a tha an Riaghaltas air am pandemic a làimhseachadh as motha a bhios iad a-mach. 'S ann aig astar a bhios iad a' gabhail pàirt, ach tha cuid de chùl-bheingearan air ceist a thogail mu carson nach bi cothrom acasan a bhith mar phàirt den cheasnachadh.

AirB&B

Dh'aontaich a' chompanaidh AirB&B nach ceadaich iad tuilleadh do dhaoine a bhith a' gabhail àite-fuirich air an làraich-lìn aca fhad 's a leanas an lockdown nàiseanta. Bidh an casg an sàs suas chun an 18mh là den Ghiblean. Tha an co-dhùnadh a' tighinn an dèidh càineadh a fhuair iad bho Cheannard an SNP ann an Westminster, am Ball-Pàrlamaid Gàidhealach Ian Blackford, a thuirt gun robh daoine a' cleachdadh na companaidh airson faighinn air falbh chun na Gàidhealtachd a dh'aindeoin agus gu bheil riaghailtean smachd a' Choròna-Bhìorais a' casg siubhail gun deagh adhbhar.

NHS na Gàidhealtachd

Tha Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd ullaichte ron Choròna-Bhìoras, thuirt iad, ged a dh'fheumadh mòran dhaoine a bhith air an toirt dhan ospadal le COVID 19 orra. Thuirt Cathraiche a' Bhùird, an t-Oll. Boyd Robasdan, ge-tà, gur dòcha gun tigeadh orra daoine ann an sgìrean de dh'Earra-Ghàidheal mar eisimpleir a chur chun an ospadail eadar-amail a tha ga fhosgladh aig ionad an SEC ann an Glaschu airson an cùram as fheàrr fhaighinn.

Na h-Eileanan Siar

Chuir Comhairle nan Eilean Siar stòras £500,000 air bhonn airson taic a chumail ri companaidhean beaga na sgìre rè suidheachadh a' Choròna-Bhìorais. Bha dragh air èirigh gu h-ionadail nach robh cothrom aig a h-uile companaidh air seamaichean an Riaghaltais fon deach £1.6m a phàigheadh dha companaidhean eileanach mar thà.