Iomagain mu choin a bhith a’ ruith nan caorach

Published

Tha dragh air tuathanaich agus croitearan gum bi tòrr a bharrachd chùisean de choin a' ruith nan caorach no a' toirt ionnsaigh orra leis gu bheil barrachd dhaoine a' coiseachd air a bhlàr a-muigh fhad 's a tha bacaidhean a' Choròna-Bhìorais an sàs.

Thug Aonadh nan Tuathanach rabhadh seachad gum feum daoine smachd a chumail air na coin aca gu h-àraid le mar a tha uain gam breith an-dràsta.

Tha dragh ann cuideachd gum bi cuid de dhaoine a' sgaoileadh a' bhìorais.

"Chan fhaca mise riamh uimhir de dhaoine timcheall ann an seo le coin," thuirt Raibeart Dòmhnallach, a tha na thuathanach faisg air Baile nan Granndach.

Cunnartach

"Tha rathad a' dol seachad air beulaibh an taighe againn, agus Là na Sàbaid seo chaidh bha e nas fhaisge air Sràid Sauchiehall feasgar Disathairne na rud sam bith.

"Chan fhaca mi riamh rud coltach ris.

"Tha sinne mu dhà mhìle a-mach às a' bhaile, agus 's ann ainneamh a chì sinn daoine.

"Ach o thòisich an Coròna-Bhìoras, tha a h-uile duine a' smaointinn gu bheil còir aca a bhith a-muigh air na monaidhean.

"Tha daoine a' falbh, agus chan eil iad a' tuigsinn cho cunnartach agus a tha na coin aca," thuirt e.

Uain Mharbh

Bho 2018, nuair a bha 80 cùis-lagha ann co-cheangailte ri ionnsaighean chon air caoraich an Alba, tha an àireamh de chùisean air tuiteam - sìos 30% an-uiridh.

Ach bidh leithid de dh'eucoir fhathast a' cosg còrr is £1m do dh'àiteachas a h-uile bliadhna, agus tha Poileas Alba den bheachd gu bheil mòran thuathanach nach bi a' clàradh nan eucoirean gu h-oifigeil.

Thug cù ionnsaigh air caoraich Mhgr Dhòmhnallaich an-uiridh, 's bu dhaor a' bhuaidh.

"Chaidh mi sìos a choimhead agus bha an cù a bha seo, cù mòr Alsatian, ag obair am measg nan caorach," thuirt e.

"Gan ruith, 's gan cur a-steach dha na h-uillt agus gan ruith a-steach dha na feansaichean.

"Thàinig mi air ais a dh'iarraidh a' chuad-baidhc, agus dh'fhalbh mi an uair sin às a dhèidh.

"Ach an uair sin nuair a chunnaic e an cuad-baidhc rinn e air ais air a' bhaile.

"Gu fortannach bha na Poilis ann am Baile nan Granndach aig an àm, agus choinnich iad mise aig an taigh agus fhuair iad am boireannach agus sheàirrds iad i leis.

"'S e an t-seachdain mun robh sinn a' sganadh a bh' ann, agus nuair a thàinig an sganair a-steach an t-seachdain às dèidh sin, bha esan a' togail a-mach nan uan marbh às na caoraich.

"'S e a bha e ag ràdh, gur e coire a' choin a bha sin.

"Bha còrr air 20 uan marbh am broinn nan caorach," thuirt e.

Geataichean

Tha dragh ann cuideachd gum bi daoine a' sgapadh a' bhìorais air geataichean agus an leithid.

Thuirt Mgr Dòmhnallach gu bheil tuathanaich fo cuideam an-dràsta, agus gu bheil iad iomagaineach mu dhèidhinn na thachradh nam fàsadh iad tinn.

"Tha sinne a' làimhseachadh nan geataichean a tha sin, a' dol a-mach 's a-steach dha na pàirceannan a h-uile là," thuirt e.

"Chan eil e soirbh dhuinne falbh agus ar làmhan a ghlanadh a h-uile deich no fichead mionaid le uisge is siabann," thuirt e.

'S e dream a th' ann an tuathanaich ge-tà, tha Mgr Dòmhnallach ag ràdh, a bha thall 's a chunnaic.

"Ann an 2001, bha an Galar Roilleach ann, agus bha sinn uile ar ar glasadh sìos an-uair sin," thuirt e.

"Mar sin dheth, chan e rud ùr a th' ann dhuinne idir.

"Thachair e roimhe, agus tha cuimhne mhath againn air cho doirbh 's a bha na bliadhnaichean timcheall air sin," thuirt e.