A’ Ghàidhealtachd “deiseil” ro ChOVID 19

Published

Tha a' Ghàidhealtachd deiseil airson dèiligeadh ri COVID-19 ma dh'fheumas àireamhan mòra a dhol dhan ospadal leis, tha bòrd slàinte na sgìre ag ràdh.

Thàinig rabhadh bho Chathraiche a' Bhùird, an t-Oll. Boyd Robastan, ge-tà, gur dòcha gum feumadh iad daoine a chur dhan ospadal taobh a-muigh na sgìre nam fàsadh na h-àireamhan buileach mòr - leithid Ospadal Louisa Jordan a thathas a' dèanamh aig an SEC ann an Glaschu.

"Bha sinn air ullachadh mòr agus ullachadh domhain a dhèanamh air a shon," thuirt an t-Oll. Robasdan.

"Faodaidh mi a ràdh gu bheil Ospadal an Ràthaig Mhòir an-dràsta gu math nas fhalamh na 's àbhaist dha a bhith, agus tha sin a dh'aona-ghnothach airson gun do chuirear stad air obair àbhaisteach gus am b' urrainn dhuinn pàirt de na h-àiteachan anns am biodh obair-lèigheis mar sin air a dèanamh ath-chruthachadh airson dèiligeadh ri daoine a bhiodh a' fulang bho ChOVID 19.

"Aig an ìre seo tha sinn a' smaoineachadh gun tèid againn air cothachadh ris an t-suidheachadh, ach ma thèid e nas miosa na tha dùil againn, 's dòcha gum feumadh daoine a dhol taobh a-muigh chrìochan a' bhùird.

"Tha bòrd na Gàidhealtachd a' gabhail a-steach Earra-Ghàidheal is Bhòid, agus tha Earra-Ghàidheal is Bòd gu math faisg air Glaschu.

"Dh'fhaodadh gum feumamaid feum a dhèanamh de ghoireasan Ghlaschu ann an cuid de shuidheachaidhean.

"Ach bidh sinn a' strì cho mòr 's as urrainn dhuinn ri dèiligeadh ri seo taobh a-staigh nan crìochan againn fhìn," thuirt e.

Uidheamachd

Tha ceist air a bhith ann mu na tha de dh'uidheamachd dìon aig an NHS do luchd-obrach, agus cuideachd de dh'uidheamachd airson cùram a thoirt do dh'euslaintich, ach tha an t-Oll. Robasdan ag ràdh gu bheileas ag obair gus dèiligeadh ri gainne sam bith.

"A h-uile là thathar a' cur ris an stuth a th' againn, agus tha sinn a' deisealachadh mar sin air a shon.

"Tha gainne air a bhith ann tron dùthaich gu lèir agus bhiodh e neònach mura biodh sin a' bualadh oirnne cuideachd.

"Aig an ìre seo 's e glè bheag de chùisean a th' againn ann an suidheachadh èiginneach an-dràsta anns an ospadal an Inbhir Nis, agus a' mhòr-chuid de dhaoine, thèid aca air dèiligeadh ris a' ghalar anns na dachaighean aca fhèin.

"Agus a bharrachd air sin, tha gu leòr dhaoine a bharrachd air na th' air an ainmeachadh thuige seo, air a bheil pàirt den tinneas.

"Bidh cus a bharrachd dhaoine a' fulang leis, ach bidh a' mhòr-chuid dhiubh sin nan dachaighean fhèin," thuirt e.