Luchd-teasairginn nam beann "a' trèanadh air-loidhne"

Published
image copyrightDundonnell Mountain Rescue Team

Tha buill de Sgioba Teasairginn Bheanntan Dhùn Dòmhnaill a' coinneachadh agus a' trèanadh air loidhne ri linn a' Choròna-bhìorais.

Thuirt ceannard an sgioba, Iain Nesbitt, gum feum buill an sgioba aige trèanadh a dhèanamh co-dhiù aon turas gach mìos, coltach ri na sgiobaidhean uile eile.

Mar as trice bhiodh an trèanadh seo air a chumail air a' bhlàr a-muigh.

Ach ri linn a' Choròna-bhìorais, feumar na sgiobaidhean cumail ris a' chomhairle nàiseanta a-thaobh astar a chumail bho chach a chèile agus ri linn bhacaidhean air siubhal.

Seisean bhidio

Thuirt Mgr Nesbitt gun robh oifigearan-trèanaidh an sgioba air a' chiad sheisean trèanaidh air-loidhne aca a chumail Didòmhnaich sa chaidh.

"Ghabh na buill pàirt ann an seisean bhidio ann an cruth bùth-obrach airson sùil a thoirt air ciamar a tha sinn a' dèiligeadh le diofar shuidheachaidhean a chì sinn gu h-àbhaisteach gach bliadhna.

"'S e dòigh mhath a th' ann cuideachd airson cothrom a thoirt do na buill conaltradh le chèile agus cumaidh sinn a' dol ga chleachdadh fhad' 's a mhaireas na bacaidhean a th' ann an-dràsta", thuirt e.

Tha an sgioba fhathast deiseil airson dèiligeadh le tachartasan air a' bhlàr a-muigh.

Eacarsaich

Ach thuirt Mgr Nesbitt gun robh e airson an cothrom a ghabhail iarraidh air daoine cumail ris a' chomhairle a tha an riaghaltas a' toirt seachad mu eacarsaich.

"Gabh an eacarsaich laitheil agaibh anns na sgìrean agaibh fhèin, agus cha bu chòir do dhaoine a bhith a' siubhal chun nam beann.

"Bidh sin na chuideachadh 'son dèanamh cinnteach nach tèid na sgiobaidhean teasairginn a ghairm a-mach.

"Bhon a chaidh na bacaidhean siubhail a chur an sàs cha deach sgioba ann an Alba a ghairm, agus bu mhath leum cùisean a chumail mar sin airson na saor-thoilich againn a chumail sàbhailte aig an taigh fhad' 's a mhaireas an staing a tha seo", thuirt e.