Countryside
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Draghan air luchd-àiteachais mu choin air a' bhlàr a-muigh

8 An Giblean 2020 Ùraichte aig Ùraichte aig

Nochd dràghan am measg thuathanach agus chroitearan gum bi tòrr a bharrachd chùisean de choin a' ruith chaorach no a' toirt ionnsaigh orra leis gu bheil barrachd dhaoine a' coiseachd air a bhlàr a-muigh fhad' sa tha iad a' feuchainn ri cumail air falbh bho chèile.

Thug Aonadh nan Tuathanach rabhadh seachad gu feum daoine smachd a chumail air na coin aca gu h-àraidh le àm breith nan uan oirnn.

Tha dràghan ann cuideachd gum bi cuid de dhaoine a' sgaoileadh a' bhìorais ma tha iad a' cleachdadh nan aon gheataichean.