Ceangal aig a’ bhìoras ri 16 bàs air Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh

Thathar a' meas gun robh gnothach aig Covid-19 ri bàs 16 duine air Ghàidhealtachd, a rèir àireamhan seachdainneil a tha air ùr fhoillseachadh.
Tha cùisean far an deach meas le dotair gun robh gnothach aig a' Choròna-Bhìoras ri bàs air an cunntadh a thuilleadh air bàs dhaoine far an deach dearbhadh ann an deuchainnean gun robh an galar orra.
Tha sin a' fàgail gu bheil na figearan nas àirde na an fheadhainn a chaidh fhoillseachadh ron seo gu làitheil.
Air 5mh an Giblean cha robh bàs sam bith bho Chovid-19 air a chlàradh sna h-Eileanan an Iar.