Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 An Giblean 2020 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Dùnadh

Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte nach e seo an t-àm airson na riaghailtean gus dèiligeadh ris a' choròna-bhìoras a lagachadh. Thuirt Ministear na Slàinte, Edward Adgar, gu bheil an àireamh chùisean fhathast ag èirigh air feadh na dùthcha, agus gum feumadh ministearan fianais fhaicinn gun robh na riaghailtean a thaobh a bhith a' cumail air falbh bho dhaoine ag obrachadh.

Boris Johnson

Chuir Boris Johnson an dàrna oidhche seachad fo dhlùth-chùram às dèidh dha fàs nas bochda oidhche na Sàbaid. Thuirt Sràid Dhowning nach robh Mgr Johnson, a th' air a bhith a' fulang leis a' choròna-bhìoras, air fàs càil nas miosa, agus gun robh luchd-meidigeach aig Ospadal an Naoimh Thòmais ann an Lunnainn a' cumail sùil gheur air.

Uidheamachd Dìon

Sgrìobh còrr agus 100 meidigeach proifeasanta gu Riaghaltas na h-Alba agus dragh mòr orra mu ghainnead uidheamachd dìon. Anns an litir tha iad a' toirt rabhaidh seachad gu bheil cuid de luchd-obrach a' cur am beatha fhèin ann an cunnart leis nach eil gu leòr ri fhaiginn. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun robh a bhith a' dìon luchd-obrach slàinte agus cùraim na phrìomhachas dhaibh.

Comhairle na Gàidhealtachd

Agus tha a bhith a' toirt uidheamachd dìon phearsanta do luchd-obrach cùraim am measg nan dùbhlan as motha a tha ro Chomhairle na Gàidhealtachd, a rèir àrd-oifigeir an ùghdarrais ionadail. Le luchd-obrach na comhairle a' tabhann grunn sheirbheisean cùraim shòisealta agus luchd-cùraim a' tadhal air dachaighean 's ag obair faisg air an fheadhainn a tha iad a' coimhead às dèidh, tha iad a' cur feum air masgaichean, aparain agus eile. Thuirt Ceannard na Comhairle, Donna Manson, gun robh e cudromach gum faigheadh an luchd-obrach na tha a dhìth orra.

An Eaconomaidh

Thug luchd-eaconomach rabhadh seachad gum faodadh gun seac eaconomaidh na h-Alba an cairteal cuid ma leanas bacaidhean a' choròna-bhìorais trì mìosan. Thuirt Institiùd Fraser of Allander gun robh coltas ann gun toireadh e greis mus tigeadh piseach air an eaconomaidh. Dh'fhaodadh gun tig crìonadh de 50% ann an roinn an togail, thuirt iad.

Còmhraidhean Bhideo

Chuir NHS nan Eilean Siar seirbheis air dòigh far an urrainn do dh'euslaintich bruidhinn ri an teaghlaichean agus ri caraidean tro cheangal bhideo. Bidh an t-seirbheis ri fhaotainn airson dà uair de thìde, seachd là san t-seachdain aig an ìre seo. Tha e a' toirt cothrom do dh'euslaintich aig nach eil fòn-làimhe no coimpiutair-uchd an luchd-dàimh - nach fhaod a dhol a choimhead orra - fhaicinn. Tòisichidh an sgeama ann an Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh an-diugh, agus tha am bòrd-slàinte a' beachdachadh air ciamar a ghabhas e leudachadh gu ospadalan eile thar a' chola-deug ri teachd.