Còmhraidhean bhideo do dh’euslaintich

Ospadal nan Eilean Image copyright Google

Tòisichidh seirbheis ùr aig Ospadal nan Eilean Siar ann an Steòrnabhagh Diciadain gus leigeil le euslaintich a bhith a' còmhradh ri an càirdean tro cheangal bhideo.

Thuirt NHS nan Eilean Siar gun robh feum air an leithid ri linn a' chasg a th' ann an-dràsta air daoine a bhith a' tadhal air ospadalan.

Bidh an t-seirbheis ùr 'Virtual Visitors' ri fhaotainn a h-uile là eadar 2:00f agus 4:00f agus gheibh euslaintich cothrom còmhraidh a mhaireas deich mionaidean.

An toiseach 's ann aig Ospadal nan Eilean a-mhàin a bhios an t-seirbheis ri fhaighinn, ach thathar an dùil gun tèid an siostam a chur an sàs aig gach làrach ospadail eile anns na h-eileanan thairis air an ath chola-deug.

Thuirt NHS nan Eilean Siar gu bheil iad ag aithneachadh nan dùbhlan a th' ann do dh'euslaintich nach eil an urrainn conaltradh leis na càirdean aca thar innealan pearsanta mar fhònaichean-làimhe, agus gur ann air sgàth seo a chaidh an t-seirbheis a leasachadh.