Taic do luchd-ciùil òga tro staing a' Chorona-bhìorais

Fidheall

Tha an t-urras a stèidhicheadh mar chuimhneachan air Eilidh NicLeòid à Barraigh a bhàsaich san ionnsaigh cheannairc air Arena Mhanchester air iomairt a thòiseachadh airson taic a thoirt do luchd-ciùil òga fhad 's a leanas èiginn a' Chorona-bhìorais ann an Alba.

Bha Eilidh na tè-ciùil thàlantach agus tha an cathrannas, a tha gu mòr a' cur taic ri oideachach ciùil, airson 's gun lean iad ag ionnsachadh.

Tha Urras Cuimhneachaidh Eilidh NicLeòid an-dràsta a' sireadh bheachdan bho luchd-ciùil, tidsearan agus buidhnean ciùil air an seòrsa taic a tha a dhìth airson an teagasg a dhèanamh nas fhasa.

Dh'fhaodadh gu bheil feadhainn a' cur feum air cuideachadh a thaobh teicneòlais agus an dòigh a tha iad a' toirt leasanan seachad air-loidhne.

Dh'fhaodadh cuideachd gur e tuilleadh ionnsramaidean a tha a dhìth, neo pàigheadh airson luchd-teagaisg.

Tha an t-urras ag ràdh gum feum na buidhnean a gheibh taic a' chiad ghreis a bhith stèidhichte mar-thà agus a bhith a' leantainn nan riaghailtean a thaobh a bhith a' teagasg air-loidhne agus riaghailtean dìon chloinne.

"Feumaidh sinn a bhith gu math faiceallach le cò a gheibh an t-airgead. Gu bheil iad gu h-onarach agus a' teagasg anns an dòigh cheart," thuirt fear-labhairt an urrais, Iagan MacNèill.

Taic

Ged is e pìobaire a bh' ann an Eilidh dh'iarradh iad cluinntinn bho bhuidhnean a tha an sàs ann an diofar sheòrsaichean ciùil - seach ceòl traidiseanta a-mhàin.

"Ma 's e buidhnean orchestra no buidhnean seinn no rudan mar sin thig thugainn agus thoir dhuinn ar beachdan agus cuiridh sinne sgeama air bhonn airson taic a thoirt dhuibh.

"Tha fios againn gu bheil rud beag de thrioblaid aig cuid de bhuidhnean gu h-àraid anns na ceàrnaidhean dhen dùthaich far nach eil na h-uimhir de dh'airgead agus tha sinn airson taic a thoirt dhaibhsan chionn 's dòcha nach eil an teicneòlas aca - 's dòcha nach eil na coimpiutairean neo na h-innealan cho adhartach sa tha a dhìth orra airson an teagasg sin a chumail a' dol.

"Leis a sin tha sinn dìreach airson cluinntinn bhuapa. Dè as urrainn dhuinn a phàigheadh? Dè an taic a tha iad ag iarraidh airson dèanamh cinnteach gum faigh a' chlann air fad teagasg ann an ceòl anns na seachdainnean a tha romhainn?

"Tha fios againn gu bheil teagasg fhathast a' dol ach tha fios againn gu bheil ceàrnaidhean san dùthaich far nach eil sin a' tachairt seach nach eil an t-airgead sin aca agus 's dòcha nach eil airgead aig na teaghlaichean airson na h-innealan teicneolais a cheannach airson an oideachadh a tha sin a thoirt seachad anns na taighean," thuirt Mgr MacNèill.

Dh'iarr an t-urras air buidhnean agus air daoine aig a bheil ùidh sa sgeama fios a chur thuca air post-d: hello@eilidhstrust.org.uk