Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An Giblean 2020 Ùraichte aig Ùraichte aig

Boris Johnson

Tha am ministear Caibineit, Mìcheal Gove, air dearbhadh gun d'fhuair am Prìomhaire, Boris Johnson, taic ocasaid fhad 's a bha e ann an ionad dlùth-chùraim aig ospadal ann an Lunnainn, ach nach deach a chur air anaileachair. Chaidh am Prìomhaire a ghluasad dhan ionad aig Ospadal St Thomas an-raoir an dèidh dha shlàinte a dhol am miosad 's e a' fulang le COVID 19. Tha ministearan a' cumail a-mach gun cum an Riaghaltas a' dol mar as àbhaist. Thuirt Ceannard ùr nan Làbarach, Sir Keir Starmer, gun obraich am pàrtaidh aige gu dlùth ris an Riaghaltas gus faighinn tron staing anns a bheil an dùthaich an-dràsta. 'S tha ceannardan o air feadh an t-saoghail air a bhith a' cur teachdaireachdan taice gu Mgr Johnson. Thuirt Dòmhnall Trump gun robh Aimeireaganaich ag ùrnaigh gum faigheadh e seachad air a' ghalar. Thuirt Ceann-suidhe na Frainge, Emmanuel Macron, gun robh e a' cur a làn-thaic ris a' Phrìomhaire, ri a theaghlach agus cuideachd ri muinntir Bhreatainn.

Saor-thoilich

Tha buidheann de thrì chairteal de mhillean luchd-obrach saor-thoileach a chuir romhpa taic a thoirt do Sheirbheis Nàiseanta na Slàinte a' tòiseachadh ag obair an-diugh. Thuirt àrd-stiùiriche Seirbheis Saor-Thoileach Rìoghail na dùthcha, Catherine Johnstone, gun robh seo a' ciallachadh gun deadh millean duine a bharrachd a chuideachadh.

Leaghadair a' Ghearasdain

Agus chaidh moladh a dhèanamh air leaghadair a' Ghearasdain ann an gluasad anns a' Phàrlamaid Albannaich. Tha an leaghadair air a bhith an sàs ann a bhith a' cruthachadh 20 tunna de bhotail airson ocasaid, sin do dh'euslaintich a tha a' fulang le COVID 19. Tha iad cuideachd air masgaichean a thoirt do dh'Ospadal a' Bhelford anns a' bhaile.

Sùil air naidheachdan eile

An Cardinal Pell

Tha an Cardinal George Pell air soirbheachadh na ath-thagradh an aghaidh an dìtidh aige airson eucoirean feise an aghaidh dithis bhalach ann an 1996. Chaidh a shaoradh on phrìosan. Chaidh seann ionmhasair a' Bhatican a shaoradh leis a' chùirt as àirde ann an Astràilia.

Loganair

Tha rannsachadh a' dol air adhart air mar a thàinig itealan Loganair a bha a' sgèith eadar Barraigh is Glaschu far an raoin-laighe an dèidh dhi Glaschu a ruighinn. Thuirt a' chompanaidh nach robh luchd-siubhail sam bith air bòrd nuair a thachair seo feasgar na Sàbaid. Chaidh innse do dh'Ùghdarras na h-Itealanachd Sìobhalta agus do Mheurr Rannsachaidh nan Tubaistean Adhair.

Prìs a' Pheatroil

Tha prìs a' pheatroil faisg air £1 an liotair air feadh na Rìoghachd Aonaichte airson a' chiad uair bho 2016. 'S e strì eadar an Ruis agus Saudi Aràibia am prìomh adhbhar airson seo. Thuirt a' bhuidheann èiginn rathaid an AA gu bheil iadsan a' creidsinn gum faodadh prìsean tuiteam fhathast gu sònraichte aig na bùithtean mòra.