Plèana Loganair far an raoin-laighe
- Air fhoillseachadh

Thòisich rannsachadh às dèidh do phlèana le Loganair eadar Barraigh agus Glaschu a dhol far an raoin-laighe agus i a' tighinn a-nuas.
Thuirt Loganair nach robh ach an criubha air bòrd an Twin Otter feasgar Didòmhnaich agus nach deach duine aca a ghoirteachadh.
A rèir na companaidh, chaidh aca air an itealan a thoirt far an fheòir agus a thilleadh chun an raoin-laighe gun cron sam bith air a' phlèana.
Chuireadh fios mu na thachair gu Ùghdarras Catharra na h-Itealachd agus Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Adhair.