Earra-Ghàidheal gun ath-chuairteachadh

Published

Dh'innis Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gum bi iad a' togail biona an sgudail agus biona an ath-chuairteachaidh còmhla bho seo a-mach mar thoradh air staing a' Choròna-Bhìorais.

Tha seo a' ciallachadh gum bi a h-uile càil a' dol dhan aon òtrach, agus dh'iarr an Comh. Robin MacMhuirich air daoine, ma 's urrainn dhaibh, gun sgudal a ghabhas ath-chuairteachadh a shadail a-mach gus am bi an staing seachad.

"A-nis gu bheil am bhìoras seo mun cuairt tha mòran dhaoine aig an taigh a h-uile là, fad an là, agus tha barrachd ghnothaichean a' dol a-steach dha na bionaichean," thuirt e.

"Bha sinn a' cluinntinn gun robh mòran ann nach robh toilichte gun robh uiread anns na bionaichean, 's nach robhas gan togail ach a h-uile trì seachdainnean.

"So bha sinn ag èisteachd ri dè bha daoine ag ràdh, agus a h-uile cola-deug faodaidh daoine am biona gorm agus am biona uaine a chur a-mach aig an aon àm.

"Feumaidh a h-uile stuth a bhith a' dol chun an landfill.

"Ach nam meanndadh daoine pàipear is plastaig is gnothaichean mar sin, càrd-bhòrd a ghlèidheadh air ais bhiodh sin eadhon na b' fheàrr, agus gheibh sinn sin nuair a tha a h-uile stuth seachad," thuirt e.