Sgrùdadh mu bhuaidh a' Chorona-bhìorais air na h-Eileanan

Stornoway

Dh'fhaodadh gu bheil barrachd dhaoine so-leònta air an dèan an Corona-bhìoras cron a' fuireach ann an àiteachan leithid nan Eilean Siar agus nan Crìochan, a rèir rannsachaidh ùir mu bhuaidh a' ghalair air diofar sgìrean de dh'Alba.

Le barrachd seann daoine, agus nas lugha leapannan dlùth-chùraim a-rèir àireamh sluaigh, tha an sgrùdadh aig an Ionad Albannach airson Sgrùdadh Data Rianachail a' dèanamh dheth nach bi na h-Eileanan ann an suidheachadh cho làidir ri sgìrean eile de dh'Alba dèiligeadh ris a' bhìoras.

Chleachd am fear-rannsachaidh an Dtr Daibhidh MacEanraig, bho Oilthigh Napier ann an Dùn Èideann, figearan bhon NHS agus bho Riaghaltas na h-Alba ann an oidhirp dèanamh a-mach dè na sgìrean as so-leònta san dùthaich.

Chruthaich e clàr a tha a' sealltainn nan àiteachean far a bheil barrachd dhaoine nas sine na 70 bliadhna a dh'aois agus barrachd dhaoine a tha a' gabhail chungaidhean airson tinneasan sgamhainn a rèir àireamh sluaigh.

Tha seann aois agus tinneasan sgamhainn tric co-cheangailte ri cùisean dona dhen ghalar.

A-rèir an rannsachaidh 's iad na h-Eileanan an Iar agus na Crìochan na sgìrean as motha a th'ann an cunnart, leis an sgrùdadh a' dèanamh dheth gu bheil cuibhreann nas motha dhen t-sluagh an sin nas buailtiche a bhith a' faireachdainn bochd leis a' ghalar.

"Feumaidh seirbheisean slàinte a bhith a' meòrachadh air ciamar a tha goireasan air an roinn a-mach agus a bhith mothachail gu bheil sgìrean dùthchail agus iomallach so-leònta," thuirt an Dtr MacEanraig.