Taic do chompanaidhean giollachd èisg
- Air fhoillseachadh

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba maoineachadh £10m do chompanaidhean giollachd èisg gus an cuideachadh tro èiginn a' Choròna-Bhìorais.
Tha an gnìomhachas am measg na tha a' fulang le taighean-bìdh dùinte agus a' mhargaidh eadar-nàiseanta air a dhol na tàmh.
Bidh grantaichean suas ri £106,000 rim faighinn, cho math ri iasadan.
Margaidhean
Thuirt Rùnaire na h-Eaconomaidh Dùthchail, Fearghas Ewing, gu bheil e follaiseach gu bheil an gnìomhachas a' fulang is gu bheilear ag amas an seo air companaidhean a chumail a' dol is daoine a chumail ann an cosnadh.
Dh'innis e cuideachd gu bheilear a' coimhead air dòighean gus an tèid barrachd den bhiadh bhon ghnìomhachas a reic ri luchd-ceannach ann an Alba fhèin.
Gheall an Riaghaltas tuilleadh fiosrachaidh air ciamar dìreach a dh'obraicheas an sgeama anns na làithean ri thighinn, is Mgr Ewing ag ràdh gu bheil iad airson 's gum faigh companaidhean airgead cho luath 's a ghabhas.