Càintean a' Choròna-Bhìorais
- Air fhoillseachadh
Cha tug Poileas Alba ach an aon chàin seachad ann an sgìre na Gàidhealtachd 's nan Eilean fo chumhachdan ùra a th' aca tro èiginn a' Choròna-Bhìorais.
Chaidh 144 càin a thoirt seachad air feadh Alba, eadar an 27mh là den Mhàrt agus a' chiad là den Ghiblean, dhan fheadhainn nach do chùm ri stiùireadh an Riaghaltais.
Faodaidh na poilis càin £60 a chur air daoine nach lean na riaghailtean mu bhith a' cumail air falbh bho chèile, agus a bhith a' fuireach a-staigh mura h-eil adhbhar deatamach ann a dhol a-mach.
Thèid a' chàin a lùghdachadh gu £30 ma thèid a phàigheadh taobh a-staigh 28 là.
Bidh peanasan nas cruaidhe ann dhan fheadhainn a bhriseas na riaghailtean grunn thursan.
Tàing
Thug Àrd-Chonastabal Phoileas Alba, Iain Livingstone, taing dhan phoball 's e ag ràdh gu bheil a' mhòr-chuid de dhaoine a' leantainn nan riaghailtean a chaidh a chur mun coinneimh.
Thuirt e, leis an deireadh-sheachdain air fàire, gu bheil e riatanach gun cùm daoine orra leis an seo.
'S ann an sgìre Ghaschu as motha a chaidh de chàintean a thoirt seachad thuige seo.