'Fuirichibh a-staigh'
- Published
Tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar is Comhairle nan Eilean Siar a' cur ann an cuimhne dhaoine a-rithist gum bu chòir dhaibh fuireach a-staigh ach nuair a tha e deatamach dhaibh a dhol a-mach.
Thuirt iad gur e seo an dòigh as cudromaiche a th' ann an NHS a dhìon agus beatha dhaoine a shàbhaladh.
Fon stiùireadh a th' ann, cha bu chòir do dhaoine an taigh fhàgail ach nuair a tha e gu tur deatamach air adhbharan slàinte, obrach, cùraim, no 'son biadh fhaighinn.
Bu chòir cuideachd astar sòisealta a chumail nuair nach eil thu san taigh.
Thug am Bòrd Slàinte is a' Chomhairle taing dha coimhearsnachdan airson mar a tha iad air gabhail ri na ceumanan thuige seo.
Cudromach
"'S e àm doirbh a tha seo dhuinn uile is tha sinn an comain a h-uile duine airson gach oidhirp a rinn iad", thuirt cathraiche NHS nan Eilean Siar, Iain Burgess.
"Tha e a' fàs nas duilghe mar a tha an ùine a' sìneadh is tha sinn a' tuigsinn leis an deireadh-sheachdain gu bhith oirnn, gum bi cuid ag iarraidh faochadh.
"Tha sinn ag ràdh ri daoine gum feum iad na riaghailtean a leantainn agus fuireach a-staigh.
"Tha seo airson ar teaghlaichean is coimhearsnachdan is seirbheisean a dhìon - mar sin tha e cho cudromach 's a ghabhas gun lean sinn uile a' chomhairle", thuirt e.
Aig an dearbh àm, sgaoil Comhairle nan Eilean Siar stiùireadh do dhuine sam bith a tha a' fuireach còmhla ri neach eile air a bheil comharran den choròna-bhìoras.
Thuirt iad gum bu chòir rudan mar neapraigean pàipeir a th' air an cleachdadh a chur ann am poca sgudail, an uairsin a chur ann am poca eile agus a cheangal gu làidir, agus an uairsin a chumail fa leth bho sgudal eile san rum 'son co-dhiù 72 uair a thìde mus tèid a chur dhan bhiona.