Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 An Giblean 2020 Ùraichte aig Ùraichte aig

Càintean

Thuirt Àrd-Chonastabal Poilis Alba gu bheil iad air còrr air 140 càin a thoirt seachad sa chiad seachdain bho fhuair iad cumhachdan ùra ann an oidhirp dèiligeadh ri sgapadh a' Choròna-Bhìorais. Thuirt Iain Livingstone, ged a tha a' chuid-mhòr de dhaoine a' cumail ri na riaghailtean, gun tàinig orra a dhol an sàs gus dèiligeadh ri cuid de shuidheachaidhean.

Masgaichean

Thuirt Stiùiriche Clinigeach Riaghaltas na h-Alba nach eil fianais ann a tha a' cur taic ris a' bheachd gum bu chòir muinntir na dùthcha a bhith a' dol mun cuairt le masgaichean orra. Thuirt an t-Ollamh Leitch gum bu chòir dhaibh a bhith air luchd-obrach slàinte agus daoine air a bheil am bhìoras. Thuirt e, leis gu bheil COVID-19 a' sgapadh ann am boinneagan uisge an àite tron adhar, gu bheil a bhith a' glanadh làmhan agus a' cumail astar bho chèile nas èifeachdaiche do dhaoine eile.

Iasadan

Thèid sgeama nan iasadan èiginneach do chompanaidhean a tha a' fulang tron phandemic a leudachadh agus cha bhi na riaghailtean na lùib cho teann. Fon sgeama, tha an Riaghaltas a' cur taic ri iasadan bho na bancaichean. Thuirt Roinn an Ionmhais gun d' fhuair iad 130,000 tagradh ach nach deach gabhail ach ri 1000 dhiubh sin. Thuirt Rùnaire a' Ghnothachais, Alok Sharma, gum bi na h-atharrachaidhean a' ciallachadh gum bi e nas fhasa do chompanaidhean iasadan fhaighinn.

A' Ghearmailt

Thug Riaghaltas na Gearmailt rabhadh do mhuinntir na dùthcha gum faodadh càin suas ri €500 a bhith air a chur orra ma bhios iad a' seasamh ro fhaisg air a chèile bho an-diugh. Thàinig seo agus an àireamh chùisean dearbhte san dùthaich air a dhol suas 6000. Dh'eirich àireamh nam marbh bhon bhìoras 145 gu dìreach còrr is 1000.

Saor-thoilich

Dh'innis còrr air 200 duine do Chomhairle nan Eilean Siar gu bheil iad deònach taic saor-thoileach a thoirt seachad sa choimhearsnachd tro staing a' Choròna-Bhìorais. Stèidhich an t-ùghdarras sgeama an t-seachdain seo chaidh is iad ag iarraidh air daoine cuideachadh mas urrainn dhaibh. Thuirt a' Chomhairle gun robh fhathast cothrom aig daoine iad fhèin a chur air adhart, agus duilleag shònraichte aca air an làrach-lìn far a bheil barrachd fiosrachaidh aca mun sgeama.