Riaghailtean ùra aig puirt Comhairle nan Eilean Siar
- Published
Dhearbh Comhairle nan Eilean Siar gu bheil na puirt is acarsaidean aca a-nise dùinte ach do bhàtaichean a tha deatamach.
Tha seo mar phàirt de na ceumanan a th' ann airson dèiligeadh ri sgapadh a' Choròna-Bhìorais.
Thuirt a' Chomhairle gu bheil stiùireadh an Riaghaltais gu math soilleir, is gum bu chòir do dhaoine fuireach aig an taigh ach nuair a tha deatamach a dhol a-mach air adhbharan slàinte, obrach, no 'son biadh fhaighinn.
Thuirt iad gu bheil seo a cheart cho fìor aig muir 's a tha e air tìr.
Dh'innis iad gu sònraichte nach eil iachtaichean is bàtaichean spòrs air am meas deatamach.
Mhìnich iad gu bheil na puirt fosgailte ach a-mhàin do na seirbheisean a leanas:
- Aiseagan
- Bàtaichean iasgaich ionadail is bàtaichean thuathanasan-èisg, no feadhainn a tha a' cur èisg air tìr no a' faighinn ghnothaichean riatanach
- Bàtaichean coimearsalta a tha a' cumail sheirbheisean ri coimhearsnachdan ionadail
- Bàtaichean a tha a' sireadh cobhair
- Feadhainn a th' ann an èiginn
- Seirbheisean meidigeach
Thuirt a' Chomhairle gu bheil na riaghailtean gu bhith ann rè ùine.
Tha stiùireadh Covid-19 na Comhairle an seo.