Drochaid-rèile Ghleann Fhionnainn gorm 'son luchd-obrach an NHS
- Air fhoillseachadh

Thàinig dath diofraichte air drochaid-rèile ainmeil Ghleann Fhionnainn oidhche Dhiardaoin.
Bha an drochaid am measg thogalaichean is structaran air feadh na Rìoghachd Aonaichte a bh' air an lasadh gorm gus moladh a dhèanamh air luchd-obrach an NHS.
'S e a' chompanaidh The Stage Group a chuir na solais air dòigh.
Taic
"Bha sinn air ar dòigh a bhith ag obair còmhla ris The Stage Group gus an drochaid a dhèanamh gorm", thuirt Ailean Ros bho Network Rail.
"'S e dòigh a bha seo airson taic a shealltainn dhan NHS airson gach rud a tha iad a' dèanamh anns an èiginn a th' ann leis a' Choròna-Bhìoras", thuirt e.
Tha Hydro Ghlaschu agus Talla Rìoghail Albert ann an Lunnainn am measg àiteachan eile a tha air a dhol gorm airson an NHS.