Dùbhlain ris nach robh dùil aig a' Chrùbh

Published
image copyrightPenny Hardie
image captionTha sgrìon airson luchd-obrach is luchd-ceannach a dhìon am measg nan atharrachaidhean aig a' Chrùbh.

Mar ghnothachas ùr sam bith, tha an fheadhainn a tha a' ruith 'An Crùbh' ann an Slèite san Eilean Sgitheanach eòlach gu leòr air cnapan-starra.

An dùbhlan a bu mhotha, 's dòcha, an gnothachas a chur air a chasan sa chiad dol a-mach.

Cha bu bheag an obair a bh' ann daoine a thoirt còmhla, planaichean a chur ri chèile, airgead a thogail, an togalach fhèin a thogail is a sgeadachadh. Bliadhnaichean de shaothair.

Shoirbhich leotha ge-tà, is dh'fhosgail An Crùbh sa Ghiblean 2017. Tha bùth is cafaidh ann is àite cruinneachaidh, am measg eile.

image copyrightPenny Hardie
image captionÒrdughan deiseil airson a dhol a-mach.

Bha dùil gum biodh e comasach dhan chompanaidh coimhearsnachd seasamh air a casan fhèin bhon t-seusan seo.

Tha staing a' Choròna-Bhìorais air a h-uile dad atharrachadh. Mar gu leòr eile air feadh Alba agus ann an dùthchannan eile thall 's a bhos, chaidh saoghal a' Chrùibh a chur bun os cionn.

Ach cleas iomadh àite eile, chan eil an Coròna-Bhìoras air spiorad na coimhearsnachd a mhùchadh.

Tha a' bhùth fhathast fosgailte ach le atharrachaidhean gus luchd-obrach agus luchd-ceannach a dhìon.

Chan fhaod ach dithis a bhith innte aig àm sam bith, agus thathar ag iarraidh air a h-uile duine an làmhan a nighe le stuth glanaidh.

image copyrightPenny Hardie
image captionThathar a' fuine aran ùr is eile gach là.

A bharrachd air sin, bithear a' gabhail òrdughan air a' fòn agus gan lìbhrigeadh neo a' fàgail na chaidh iarraidh taobh a-muigh na bùthaidh 'son a thogail.

Ged a tha an cafaidh dùinte agus ged nach fhaodar biadh a dhèanamh tuilleadh 'son a thoirt a-mach, chan eil na còcairean nan tàmh idir, is iad a' deasachadh bìdhe 'son a dhol a-mach dhan choimhearsnachd.

"'S e àm duilich a tha seo do mhòran daoine, agus tha mi cho toilichte gu bheil a h-uile duine a' tarraing air an aon ràmh mar a tha suaicheantas Iomairt Chamas Chros & Dhùisdeil ag ràdh", thuirt am Manaidsear Gnòthachais aig a' Chrùbh, Sharon Chaimbeul.

"Tha spiorad na coimhearsnachd seo cho làidir 's a bha e riamh", thuirt i.

Spiorad a bhios a dhìth anns gach coimhearsnachd anns na seachdainean is mìosan ri thighinn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh