Marbh-lann aig Ionad-Airm Chinn Lois

Nimrod aig Ceann Lois Image copyright Reuters
Image caption Itealan Nimrod aig Ceann Lois mus deach an RAF a ghluasad a-mach às.

Dhearbh Comhairle Mhoireibh gun tèid seann hangar aig Ionad-Airm Chinn Lois a chleachdadh mar marbh-lann eadar-amail, fhad 's a tha staing a' Choròna-Bhìorais a' leantainn.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd iad fhèin air ionadan a cheannach ann an Inbhir Nis agus air Taobh Sear Rois 'son a bhith nam marbh-lannan cuideachd.

B' abhaist itealain mhòra Nimrod a bhith stèidhichte anns an hangar aig an ionad aig Ceann Lois, nuair a bha Feachd an Adhair ag obair às.

Plana-èiginn

Ach an-dràsta tha Comhairle Mhoireibh a' dol ga chleachdadh mar mharbh-lann eadar-amail.

Tha seo mar phàirt den phlana-èiginneach a th' aca airson pandemic.

Thuirt neach-labhairt na Comhairle, Jim Grannd, gum feum iad àitean mar seo a dheisealachadh air eagal 's gum bi feum aca orra, ach thuirt e gu bheil iad an dòchas nach tèid a chleachdadh.

Dh'iarr e air an t-sluagh ge-tà, cumail orra a' leantain nan riaghailtean a thaobh a bhith a' fuireach aig an taigh, agus cumail da mheatair air falbh bho chèile ma dh'fheumas iad a bhith a-muigh.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd iad fhèin air ionadan a cheannach ann an Inbhir Nis agus Taobh Sear Rois ma bhios feum orra mar mharbh-lannan eadar-amail, agus nam feumadh iad tuilleadh thuirt iad gum faigheadh iad taic bho ionadan airm.